Na tha sinn a’ dčanamh

Scottish ruinTha dreuchdan SQA suidhichte ann an Achd Foghlaim (Alba) 1996 leasaichte le Achd Theisteanasan na h-Alba 2002.

Tha dà phrìomh dhreuchd aig a’ bhuidheann: dearbhadh, is a’ buileachadh theisteanasan.

Dearbhadh SQA:

  • aontachadh uile theisteanasan gairmeach ann an Alba (ach ceuman a-mhàin)
  • ceadachadh ionadan foghlaim agus trèanaidh a tha an dùil daoine a chur a-steach airson nan teisteanasan seo

Buidheann buileachaidh SQA:

  • innleachadh agus a’ leasachadh theisteanasan
  • fìreanachadh theisteanasan (a’ dèanamh cinnteach gu bheil iad air an deagh sgrìobhadh agus a rèir feumalachdan luchd-ionnsachaidh is luchd-teagaisg)
  • sgrùdadh theisteanasan airson gum bi iad nuadh-aimsireil
  • ullachdadh, cuideachadh agus coileanadh measadh do dhaoine a ghabhas teisteanasan SQA
  • dèanamh cinnteach gu bheil ionadan foghlaim is trèanaidh làn fhreagarrach airson teisteanasan SQA a thairgsinn
  • sgaoileadh bharantasan do oileanaich

Mar phàirt de na dreuchdan seo tha sinn a’ tairgsinn caochladh sheirbheisean do ghnìomhachasan ’s do thabhairtichean trèanaidh, bho aonta mu chùrsaichean is ionadan gu buileachaidhean sònraichte, measadh inbhe agus seirbheisean ceadachaidh.

Tha ar prìomh amasan bliadhnail, air an ullachadh còmhla ri Riaghaltas na h-Alba, air an clàradh nar planaichean corporra is gnìomhachais a tha air an aontachadh le Ministearan. Faigh a-mach tuilleadh mu ar n-amasan làithreach nar (Plana Corporra 2011-14).

What we do

Scottish ruinSQA’s functions are set out in the Education (Scotland) Act 1996 as amended by the Scottish Qualifications Act 2002.
The organisation has two main roles: accreditation, and awarding qualifications.

SQA Accreditation:

  • authorises all vocational qualifications delivered in Scotland (other than degrees)
  • approves education and training establishments which plan to enter people for these qualifications

SQA Awarding Body:

  • devises and develops qualifications
  • validates qualifications (makes sure they are well written and meet the needs of learners and tutors)
  • reviews qualifications to ensure they are up to date
  • arranges for, assists in, and carries out, the assessment of people taking SQA qualifications
  • quality-assures education and training establishments which offer SQA qualifications
  • issues certificates to candidates

Within these roles we offer a range of services for businesses and training providers, ranging from course and centre approval through customised awards, to endorsement, credit rating and licensing services.

Our annual key objectives, developed with the Scottish Government, are set out in our corporate and business plans which are approved by Ministers. Find out more about our current objectives in our Corporate Plan 2011-14.