Plana Gàidhlig 2022-25

Tha a’ cho-chomhairle seo ag iarraidh do bheachdan air dreachd Plana Gàidhlig SQA airson 2022-25.

Chaidh an dreachd plana Gàidhlig againn ullachadh fon fhrèam-obrach a chaidh a stèidheachadh le Achd na Gàidhlig (Alba) 2005. Tha e a’ cur an cèill mar a chleachdas sinn Gàidhlig san obair againn agus mar a nì sinn cleachdadh na Gàidhlig comasach nuair a bhios sinn a’ conaltradh ris a’ phoball is ris na prìomh chom-pàirtichean againn, agus mar a bhrosnaicheas agus a leasaicheas sinn a’ Ghàidhlig.

Chaidh a chur ri chèile a rèir nan slatan-tomhais reachdail ann an Achd 2005, le mothachadh air Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig is air an Stiùireadh air Deasachadh Phlanaichean Gàidhlig.

Thathar ag iarraidh air luchd-ùidh, com-pàirtichean agus air a’ phoball pàirt a ghabhail anns a’ cho-chomhairle seo le bhith a' toirt seachad bheachdan air gach pàirt den dreach phlana san fhoirm gu h-ìosal.

*Seo na raon riatanach

*A bheil thu a' freagairt mar neach fa leth, mar chomann no mar bhuidheann?
A bheil thu an sàs ann am foghlam/ionnsachadh no obair leis a' chànan ann an dòigh sam bith?

Tapadh leat airson ùine a chur seachad gus am foirm seo a lìonadh.

Thèid na beachdan agad a chleachdadh gus ar cuideachadh gus co-dhùnadh a bheil atharrachaidhean a dhìth air an dreachd phlana againn.

Airson barrachd fios mu mar a chleachdas SQA am fiosrachadh pearsanta agad, leugh an aithisg phrìobhaideachd againn.

*