Chuir Ùghdarras Theisteanas Alba (SQA) a Phlana Gàidhlig air bhog an-diugh (Diciadain 1 Dùbhlachd).Tha Planaichean Gàidhlig nam prìomh phàirt den roi-innleachd a tha ann gus Plana Nàiseanta Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba a liubhairt. Chaidh iad seo a chur ri chèile chor is gun toirear inbhe thèarainte don chànan, mar a tha an amharc aig Riaghaltas na h-Alba agus Bòrd na Gàidhlig.
Tha Achd na Gàidhlig 2005 agus Plana Nàiseanta na Gàidhlig cudtromach bunaiteach a thaobh cur an comas SQA agus nam buidhnean a tha an com-pàirteachas leis plana soirbheachail a chruthachadh los gum mair an cànan, chan ann a-mhàin an Alba ach gu eadar-nàiseanta.
Thuirt Àrd-Oifigear SQA, An Dr. Seonag NicIlleDhuinn:
“Tha mi glè thoilichte bogadh ar Plana Gàidhlig ainmeachadh. 'S e amas a' phlana taic is aitheantas a thoirt do luchd-labhairt is luchd-ionnsachaidh Gàidhlig de gach aois agus iad a' dol an lùib siostam foghlaim is teisteanasan na h-Alba gu deimhinneach. Crochaidh soirbheas ar plana gu mòr air a bhith a' cumail agus a' cur ris a' chom-pàirteachas làidir eadar SQA is ar n-ionadan-foghlaim, agus air a' cho-obrachadh dhlùth dheimhinneach againn leis na buidhnean a tha co-cheangailte rinn.
“Gu sònraichte, nì ar plana cinnteach gun cùm SQA a thaic chudtromach ri prìomh amasan Bhòrd na Gàidhlig, 's e sin, leudachadh foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig, foghlam luchd-ionnsachaidh òg sna sgoiltean agus foghlam Gàidhlig do dh' inbhich."
Aithnichidh SQA cho cudtromach 's a tha e taic a thoirt do na h-amasan a tha mar phàirt de Phlana Nàiseanta na Gàidhlig agus Achd na Gàidhlig (Alba) 2005. Mar phrìomh phàirt den rud seo tha leasachadh Roi-innleachd Foghlaim na Gàidhlig aige. Tha SQA ag obair air na ceithir prìomh amasan nàiseanta don Ghàidhlig, 's e sin, Togail-cànain, Cleachdadh, Inbhe agus Corpas na Gàidhlig. Cho math ri teisteanan Gàidhig a thairsginn do luchd-ionnsachaidh is do dh'fhileantaich, tha SQA air cur roimhe gum meudaichear raon chuspairean is ìrean mar a leudaicheas iarrtas air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.
An ceartuair, tha SQA a' tabhann ceithir deuchainnean aig Ìre Choitcheann tro mheadhan na Gàidhlig; Cruinn-eòlas, Eachdraidh, Matamataig agus Foghlam Co-aimsireil. Faodar Plana Gàidhlig SQA a lorg aig www.sqa.org.uk/gaidhlig agus gheibhear ethbhric dheth o ar n-ionad-conaltraidh aig customer@sqa.org.uk, air neo 0345 279 1000.
The Gaelic Language Act of 2005 and the National Plan for Gaelic are of fundamental importance in enabling SQA and its partner organisations to plan successfully for a sustainable future for the language, not just in Scotland but on the international stage.
SQA Chief Executive, Dr Janet Brown said:
"I am very pleased to announce the launch of our Gaelic Language Plan. The plan seeks to support and recognise Gaelic speakers and learners of all ages as they positively engage with Scotland's education and qualifications system. The success of our plan depends very much on continuing and enhancing the strong partnership between SQA and our delivering centres and on the close, positive collaboration with our partner agencies.
"In particular, our plan ensures that SQA will continue to play an integral part in supporting Bòrd na Gàidhlig's key national priorities of expanding Gaelic-medium education, Gaelic learner education in schools and Gaelic education for adults".
SQA recognises the importance of supporting the aspirations and objectives included in the National Plan for Gaelic and the Gaelic Language (Scotland) Act 2005. A key part of this is the development of its Gaelic Education Strategy. SQA is working across the four national aims for Gaelic which are Language Acquisition, Usage, Status and Corpus. As well as offering qualifications in Gaelic to learners and fluent speakers, SQA is committed to a planned expansion of subjects and levels as Gaelic Medium candidate numbers increase.
Currently, SQA offers four Standard Grade examinations in the medium of Gaelic; Geography, History, Mathematics and Modern Studies. The SQA’s Gaelic Language Plan can be accessed via www.sqa.org.uk/gaelic and hard copies can be requested from our customer contact centre on 0345 279 1000.