Privacy Statement

This Privacy Statement sets out the data processing practices of the Scottish Qualifications Authority ('SQA') for the purposes of the Data Protection Act 1998 and related legislation, through the use of the internet and the World Wide Web. Please read and agree to these terms prior to sending us your details in any electronic communications or for any online transaction.

Who we are and what we do

The Scottish Qualifications Authority (SQA) was established under the Education (Scotland) Act 1996. SQA is registered with the Information Commissioner's Office – registered number - Z5781759.

SQA has three main functions.

  1. SQA accredits qualifications and the awarding bodies who intend to enter candidates for these qualifications.
  2. As an awarding body itself, SQA quality-assures education and training establishments which offer SQA qualifications. SQA also arranges for and carries out the assessment of people taking SQA qualifications and issues certificates to candidates.
  3. SQA advises Scottish Government on matters within its functions generally.

This statement explains how SQA collects and uses personal information in the course of these functions and its activities generally.

What information do we collect about you?

Candidates

If you are a candidate for a SQA qualification (or a qualification that we accredit), we will collect personal information about you that is relevant to your educational journey, the qualification you are studying for and the assessment of your performance in respect of that qualification. This would include, for example, the marking of examinations, post examination procedures (such as checking and appeals) and the final award of qualifications.

We may collect that personal information from you directly when you use any service that we offer (for example, our 'MySQA' service or the 'Post Results' service) or submit information to us via our website, www.sqa.org.uk. Personal information may also be shared with us by third parties who are involved with our qualifications (see Data Sharing).

Others

We also collect personal information about those involved in the delivery of SQA qualifications (or qualifications we accredit). These include examiners, markers, setters, verifiers and vetters ('appointees') but also individuals within awarding bodies and education and training establishments. The personal information we collect will be information relevant to your role and the performance of your responsibilities within that role.

In the course of performing our functions and activities, we may collect or receive personal information about individuals who are connected with candidates (such as parents or other relatives) as well as suppliers and members of the public.

In each case, that personal information may be collected or received directly or it may be shared with us by third parties who are involved with our qualifications (see Data Sharing).

How we use information

We use the personal information we collect:

  • to deliver SQA qualifications and the qualifications we accredit
  • to award certificates to candidates
  • to deliver services that candidates request from time to time, including 'MySQA' and our 'Post Results' service
  • to ensure the quality and integrity of the SQA qualifications
  • to prevent fraud and to investigate alleged misconduct
  • for appointee resource planning, verification and management
  • for administration purposes
  • for statistical and research purposes
  • to otherwise carry out activities that are within our statutory functions and powers.

Data sharing

We may share your personal information with, and obtain information about you, from:

  • Scottish Government, including government departments and non-departmental government bodies
  • local authorities and UCAS
  • schools, colleges and other relevant training establishments
  • other public bodies with educational and vocational responsibilities
  • law enforcement and HM Revenue and Customs
  • organisations with whom we partner to deliver SQA accredited qualifications
  • other service providers and third parties who we use to provide our services

We will share and obtain personal information:

  • for the purposes described in How we will use your information
  • to enable us to perform our functions and discharge our statutory responsibilities
  • where we consider that there is a legitimate public interest to do so.

Marketing

We may also use personal information to provide you with information about our services and for sales and marketing purposes but if you tell us (see Contact Us) that you do not wish to have your personal information used in this way then we will respect your wishes. We will not permit third parties to use your personal information for marketing purposes.

International

Where services are being provided by SQA to individuals, organisations or establishments outside the European Economic Area then, in providing these services, we may transfer personal information relevant to these services outside the European Economic Area to the individuals, organisations or establishments concerned.

Access to your information

You have the right to request a copy of the information that we hold about you (for which we may charge a small fee). If you would like a copy of some or all of your personal information, please tell us (see Contact Us).

Changes to this privacy statement

We keep this privacy statement under regular review and may update it from time to time. Where we update our privacy statement we will place an updated privacy statement on our website and, where the changes are material, will take other reasonable steps to bring it to your attention.

This privacy statement was last updated on 22 June 2015.

Contact us

Please contact us if you have any questions about this privacy statement or the information we hold about you:

By e-mail – data.protection@sqa.org.uk

In writing – write to use at: Data Protection Team, Scottish Qualifications Authority, The Optima Building, 58 Robertson Street, Glasgow G2 8DQ, Scotland.

If you do not wish to be contacted for marketing purposes, please e-mail us on mycentre@sqa.org.uk, but remember that if you do so we will be unable to provide you with information about latest publications etc.

Aithris Phrìobhaideachd

Tha an t-Iomradh Dìomhaireachd seo a’ foillseachadh dhòighean-obrach dàta SQA a rèir Achd Dìon Dàta 1998 agus laghan co-cheangailte, tron eadar-lìon agus tron World Wide Web. Leugh agus aontaich ri na cùmhnantan seo mus cuir thu thugainn fiosrachadh pearsanta ann an dòigh eileagtronaigeach sam bith no airson cùis sam bith air-loidhne.

Cò sinn agus dè tha sinn a’ dèanamh?

Chaidh Ùghdarras Theisteanas na h-Alba (SQA) a stèidheachadh fo Achd an Fhoghlaim (Alba) 1996. Tha SQA clàraichte le Oifis a’ Choimiseanair Fiosrachaidh - àireamh chlàraichte - Z5781759.

Tha trì prìomh dhleastanasan aig SQA.

  1. Tha SQA a’ barantachadh theisteanas agus bhuidhnean buileachaidh a tha an dùil tagraichean a chur air adhart airson nan teisteanas sin.
  2. Mar bhuidheann buileachaidh iad fhèin, tha SQA a’ barantachadh càileachd aitreabhan foghlaim is trèanaidh a tha a’ tairgsinn teisteanasan SQA. Bidh SQA cuideachd a’ cur air dòigh agus a’ coileanadh measadh air daoine a tha a’ gabhail teisteanasan SQA agus a’ sgaoileadh theisteanas gu tagraichean.
  3. Bidh SQA a’ comhairleachadh Riaghaltas na h-Alba mu chùisean an taobh a-staigh a dhleastanasan san fharsaingeachd.

Tha an aithris seo a’ mìneachadh mar a bhios SQA a’ tional agus a’ cleachdadh fiosrachadh pearsanta ann an cùrsa nan dleastanas sin agus a ghnìomhachdan san fharsaingeachd.

Dè am fiosrachadh a bhios sinn a’ tional mur deidhinn?

Tagraichean

Ma tha sibh nur tagraiche airson teisteanas SQA (no teisteanas a tha sinn a’ barantachadh), bidh sinn a’ tional fiosrachadh pearsanta mur deidhinn a tha buntainneach do ur slighe oideachail, an teisteanas do bheil sibh ag ionnsachadh agus measadh air ur coileanadh a thaobh an teisteanais sin. Bhiodh seo a’ gabhail a-steach, mar eisimpleir, comharrachadh dheuchainnean, modhan-obrach an dèidh dheuchainnean (leithid sgrùdadh agus ath-thagraidhean) agus am buileachadh deireannach air teisteanasan.

Dh’fhaodadh gun tionail sinn am fiosrachadh sin dìreach bhuaibh fhèin nuair a chleachdas sibh seirbheis sam bith a tha sinn a’ tairgsinn (mar eisimpleir, ar seirbheis ‘Mo SQA' – MySQA’ no seirbheis ‘Toraidhean’ – ‘Post Results’) no fiosrachadh a chur a-steach air an làraich-lìn againn, www.sqa.org.uk. Faodaidh fiosrachadh pearsanta a bhith air a roinn cuideachd leinn le treas phàrtaidhean a tha an sàs anns na teisteanasan againn (faicibh Roinn Dàta).

Eile

Bidh sinn cuideachd a’ tional fiosrachadh pearsanta mu dheidhinn iadsan a tha an sàs ann an liubhairt theisteanasan SQA (no teisteanasan a tha sinn a’ barantachadh). Nam measg tha luchd-sgrùdaidh, luchd-comharrachaidh, luchd-seataidh, luchd-dearbhaidh agus luchd-breithneachaidh ('daoine a chaidh a chur an dreuchd') ach cuideachd daoine fa leth an taobh a-staigh bhuidhnean buileachaidh agus aitreabhan foghlaim is trèanaidh. Bidh am fiosrachadh a bhios sinn a’ tional buntainneach don t-suidheachadh agus mar a choileanas sibh na dleastanasan agaibh an taobh a-staigh an t-suidheachaidh sin.

Ann an cùrsa ar dleastanasan agus ar gnìomhachdan a choileanadh, dh’fhaodadh gun tionail sinn no gum faigh sinn fiosrachadh pearsanta mu dhaoine fa leth aig a bheil ceangal ri tagraichean (leithid pàrantan no càirdean eile) a thuilleadh air solaraichean agus buill den phoball.

Anns gach cùis, dh’fhaodadh gum bi am fiosrachadh pearsanta sin air a thional no air fhaighinn dìreach no dh’fhaodadh gum bi e air a roinn leinn le treas phàrtaidhean a tha an sàs anns na teisteanasan againn (faicibh Roinn Dàta).

Mar a tha sinn a’ cleachdadh an fhiosrachaidh

Bidh sinn a’ cleachdadh an fhiosrachaidh a tha sinn a’ tional, airson:

  • teisteanasan SQA agus na teisteanasan a tha sinn a’ barantachadh a liubhairt
  • teisteanasan a bhuileachadh air tagraichean
  • seirbheisean a liubhairt a bhios tagraichean ag iarraidh bho àm gu àm, a’ gabhail a-steach ar seirbheis 'Mo SQA' agus ‘Toraidhean’
  • càileachd agus iomlanachd theisteanas SQA a dhèanamh cinnteach
  • bacadh a chur air foill agus mì-ghiùlain a dh’fhaodadh a bhith an làthair a sgrùdadh
  • planadh, fìreanachadh agus stiùireadh air goireasan a thaobh daoine a chur an dreuchd
  • adhbharan rianachd
  • adhbharan staitistigeach agus rannsachaidh
  • gnìomhachdan a choileanadh air mhodh eile a tha an taobh a-staigh ar dleastanasan agus ar cumhachdan reachdail.

Roinn dàta

Dh’fhaodadh gun roinn sinn am fiosrachadh pearsanta agaibh le, agus fiosrachadh fhaotainn mur deidhinn, bho:

  • Riaghaltas na h-Alba, a’ gabhail a-steach roinnean an riaghaltais agus buidhnean riaghaltais neo-roinneil
  • ùghdarrasan ionadail agus UCAS
  • sgoiltean, colaistean agus aitreabhan trèanaidh iomchaidh eile
  • buidhnean poblach eile le dleastanasan oideachail agus dreuchdail
  • co-èigneachadh an lagha agus Oifis Chìsean is Chusbainn HM
  • buidhnean a tha ann an com-pàirteachas leinn gus teisteanasan barantaichte SQA a liubhairt
  • solaraichean sheirbheisean eile agus treas phàrtaidhean a bhios sinn a’ cleachdadh gus ar seirbheisean a sholarachadh.

Roinnidh sinn agus gheibh sinn fiosrachadh pearsanta

  • airson nan adhbharan air an iomradh ann an Mar a chleachdas sinn am fiosrachadh agaibh
  • gus a dhèanamh comasach dhuinn ar n-obair a dhèanamh agus ar dleastanasan reachdail a choileanadh
  • far a bheil sinn den bheachd gu bheil ùidh phoblach dhligheach ann sin a dhèanamh.

Margaideachd

Dh’fhaodadh gun cleachd sinn fiosrachadh pearsanta airson fiosrachadh a thoirt dhuibh mu na seirbheisean againn agus airson adhbharan reic is margaideachd ach ma dh’innseas sibh dhuinn (faicibh Cuiribh Fios Thugainn) nach eil sibh airson ur fiosrachadh pearsanta a bhith air a chleachdadh san dòigh seo, bidh spèis againn do ur toil. Cha cheadaich sinn do threas phàrtaidhean am fiosrachadh pearsanta agaibh a chleachdadh airson adhbharan margaideachd.

Eadar-nàiseanta

Far a bheil seirbheisean gan solarachadh le SQA do dhaoine, buidhnean no aitreabhan fa leth taobh a-muigh na Roinne Eaconamach Eòrpach, ann an solarachadh nan seirbheisean sin, dh’fhaodadh gun gluais sinn fiosrachadh pearsanta buntainneach do na seirbheisean sin taobh a-muigh na Roinne Eaconamach Eòrpach gu na daoine, buidhnean no aitreabhan fa leth a tha an ceist.

Cothrom air an fhiosrachadh agaibh

Tha a’ chòir agaibh lethbhreac den fhiosrachadh a tha sinn a’ gleidheadh mur deidhinn iarraidh (dh’fhaodadh gun iarr sinn cìs bheag airson seo). Nam bu mhath leibh lethbhreac de chuid den fhiosrachadh phearsanta agaibh no e uile, feuch gun innis sibh dhuinn (faicibh Cuiribh Fios Thugainn).

Atharrachaidhean air an aithris phrìobhaideachd seo

Bidh sinn a’ dèanamh lèirmheas chunbhalach air an aithris seo agus dh’fhaodadh gun ùraich sinn e bho àm gu àm. Nuair a dh’ùraicheas sinn an aithris phrìobhaideachd againn, cuiridh sinn aithris phrìobhaideachd ùraichte air an làraich-lìn againn, far a bheil na h-atharrachaidhean stuthail, cleachdaidh sinn dòigh reusanta eile air a thoirt gu ur n-aire.

Chaidh an aithris phrìobhaideachd ùrachadh mu dheireadh air 22 Ògmhios 2015.

Cuiribh fios thugainn

Cuiribh fios thugainn ma bhios ceistean sam bith agaibh mun aithris phrìobhaideachd seo no mun fhiosrachadh a tha sinn a’ gleidheadh mur deidhinn:

Air post-d: data.protection@sqa.org.uk

Ann an sgrìobhadh thugainn aig Sgioba Dìon Dàta, Urras Theisteanas na h-Alba, Togalach Optima, 58 Sràid MhicRaibeirt, Glaschu, G2 8DQ, Alba.

Mur eil sibh airson nach bruidhinnear ribh airson adhbharan margachaidh, cuiribh post-d thugainn air mycentre@sqa.org.uk, Ach cuimhnichibh ma nì sibh sin nach bi e comasach dhuinn fiosrachadh a thoirt dhuibh mu fhoillsichidhean ùra ’s msaa.