Aithris Phrìobhaideachd

Tha an t-Iomradh Dìomhaireachd seo a’ foillseachadh dhòighean-obrach dàta SQA a rèir Achd Dìon Dàta 1998 agus laghan co-cheangailte, tron eadar-lìon agus tron World Wide Web. Leugh agus aontaich ri na cùmhnantan seo mus cuir thu thugainn fiosrachadh pearsanta ann an dòigh eileagtronaigeach sam bith no airson cùis sam bith air-loidhne.

Cò sinn agus dè tha sinn a’ dèanamh?

Chaidh Ùghdarras Theisteanas na h-Alba (SQA) a stèidheachadh fo Achd an Fhoghlaim (Alba) 1996. Tha SQA clàraichte le Oifis a’ Choimiseanair Fiosrachaidh - àireamh chlàraichte - Z5781759.

Tha trì prìomh dhleastanasan aig SQA.

  1. Tha SQA a’ barantachadh theisteanas agus bhuidhnean buileachaidh a tha an dùil tagraichean a chur air adhart airson nan teisteanas sin.
  2. Mar bhuidheann buileachaidh iad fhèin, tha SQA a’ barantachadh càileachd aitreabhan foghlaim is trèanaidh a tha a’ tairgsinn teisteanasan SQA. Bidh SQA cuideachd a’ cur air dòigh agus a’ coileanadh measadh air daoine a tha a’ gabhail teisteanasan SQA agus a’ sgaoileadh theisteanas gu tagraichean.
  3. Bidh SQA a’ comhairleachadh Riaghaltas na h-Alba mu chùisean an taobh a-staigh a dhleastanasan san fharsaingeachd.

Tha an aithris seo a’ mìneachadh mar a bhios SQA a’ tional agus a’ cleachdadh fiosrachadh pearsanta ann an cùrsa nan dleastanas sin agus a ghnìomhachdan san fharsaingeachd.

Dè am fiosrachadh a bhios sinn a’ tional mur deidhinn?

Tagraichean

Ma tha sibh nur tagraiche airson teisteanas SQA (no teisteanas a tha sinn a’ barantachadh), bidh sinn a’ tional fiosrachadh pearsanta mur deidhinn a tha buntainneach do ur slighe oideachail, an teisteanas do bheil sibh ag ionnsachadh agus measadh air ur coileanadh a thaobh an teisteanais sin. Bhiodh seo a’ gabhail a-steach, mar eisimpleir, comharrachadh dheuchainnean, modhan-obrach an dèidh dheuchainnean (leithid sgrùdadh agus ath-thagraidhean) agus am buileachadh deireannach air teisteanasan.

Dh’fhaodadh gun tionail sinn am fiosrachadh sin dìreach bhuaibh fhèin nuair a chleachdas sibh seirbheis sam bith a tha sinn a’ tairgsinn (mar eisimpleir, ar seirbheis ‘Mo SQA' – MySQA’ no seirbheis ‘Toraidhean’ – ‘Post Results’) no fiosrachadh a chur a-steach air an làraich-lìn againn, www.sqa.org.uk. Faodaidh fiosrachadh pearsanta a bhith air a roinn cuideachd leinn le treas phàrtaidhean a tha an sàs anns na teisteanasan againn (faicibh Roinn Dàta).

Eile

Bidh sinn cuideachd a’ tional fiosrachadh pearsanta mu dheidhinn iadsan a tha an sàs ann an liubhairt theisteanasan SQA (no teisteanasan a tha sinn a’ barantachadh). Nam measg tha luchd-sgrùdaidh, luchd-comharrachaidh, luchd-seataidh, luchd-dearbhaidh agus luchd-breithneachaidh ('daoine a chaidh a chur an dreuchd') ach cuideachd daoine fa leth an taobh a-staigh bhuidhnean buileachaidh agus aitreabhan foghlaim is trèanaidh. Bidh am fiosrachadh a bhios sinn a’ tional buntainneach don t-suidheachadh agus mar a choileanas sibh na dleastanasan agaibh an taobh a-staigh an t-suidheachaidh sin.

Ann an cùrsa ar dleastanasan agus ar gnìomhachdan a choileanadh, dh’fhaodadh gun tionail sinn no gum faigh sinn fiosrachadh pearsanta mu dhaoine fa leth aig a bheil ceangal ri tagraichean (leithid pàrantan no càirdean eile) a thuilleadh air solaraichean agus buill den phoball.

Anns gach cùis, dh’fhaodadh gum bi am fiosrachadh pearsanta sin air a thional no air fhaighinn dìreach no dh’fhaodadh gum bi e air a roinn leinn le treas phàrtaidhean a tha an sàs anns na teisteanasan againn (faicibh Roinn Dàta).

Mar a tha sinn a’ cleachdadh an fhiosrachaidh

Bidh sinn a’ cleachdadh an fhiosrachaidh a tha sinn a’ tional, airson:

Roinn dàta

Dh’fhaodadh gun roinn sinn am fiosrachadh pearsanta agaibh le, agus fiosrachadh fhaotainn mur deidhinn, bho:

Roinnidh sinn agus gheibh sinn fiosrachadh pearsanta

Margaideachd

Dh’fhaodadh gun cleachd sinn fiosrachadh pearsanta airson fiosrachadh a thoirt dhuibh mu na seirbheisean againn agus airson adhbharan reic is margaideachd ach ma dh’innseas sibh dhuinn (faicibh Cuiribh Fios Thugainn) nach eil sibh airson ur fiosrachadh pearsanta a bhith air a chleachdadh san dòigh seo, bidh spèis againn do ur toil. Cha cheadaich sinn do threas phàrtaidhean am fiosrachadh pearsanta agaibh a chleachdadh airson adhbharan margaideachd.

Eadar-nàiseanta

Far a bheil seirbheisean gan solarachadh le SQA do dhaoine, buidhnean no aitreabhan fa leth taobh a-muigh na Roinne Eaconamach Eòrpach, ann an solarachadh nan seirbheisean sin, dh’fhaodadh gun gluais sinn fiosrachadh pearsanta buntainneach do na seirbheisean sin taobh a-muigh na Roinne Eaconamach Eòrpach gu na daoine, buidhnean no aitreabhan fa leth a tha an ceist.

Cothrom air an fhiosrachadh agaibh

Tha a’ chòir agaibh lethbhreac den fhiosrachadh a tha sinn a’ gleidheadh mur deidhinn iarraidh (dh’fhaodadh gun iarr sinn cìs bheag airson seo). Nam bu mhath leibh lethbhreac de chuid den fhiosrachadh phearsanta agaibh no e uile, feuch gun innis sibh dhuinn (faicibh Cuiribh Fios Thugainn).

Atharrachaidhean air an aithris phrìobhaideachd seo

Bidh sinn a’ dèanamh lèirmheas chunbhalach air an aithris seo agus dh’fhaodadh gun ùraich sinn e bho àm gu àm. Nuair a dh’ùraicheas sinn an aithris phrìobhaideachd againn, cuiridh sinn aithris phrìobhaideachd ùraichte air an làraich-lìn againn, far a bheil na h-atharrachaidhean stuthail, cleachdaidh sinn dòigh reusanta eile air a thoirt gu ur n-aire.

Chaidh an aithris phrìobhaideachd ùrachadh mu dheireadh air 22 Ògmhios 2015.

Cuiribh fios thugainn

Cuiribh fios thugainn ma bhios ceistean sam bith agaibh mun aithris phrìobhaideachd seo no mun fhiosrachadh a tha sinn a’ gleidheadh mur deidhinn:

Air post-d: data.protection@sqa.org.uk

Ann an sgrìobhadh thugainn aig Sgioba Dìon Dàta, Urras Theisteanas na h-Alba, Togalach Optima, 58 Sràid MhicRaibeirt, Glaschu, G2 8DQ, Alba.

Mur eil sibh airson nach bruidhinnear ribh airson adhbharan margachaidh, cuiribh post-d thugainn air mycentre@sqa.org.uk, Ach cuimhnichibh ma nì sibh sin nach bi e comasach dhuinn fiosrachadh a thoirt dhuibh mu fhoillsichidhean ùra ’s msaa.