Neach-sgrùdaidh
Bidh Neach-sgrùdaidh a’ dèanamh sgrùdadh air, agus a’ toirt comhairle air, pongalachd is ùghdarrachd a’ chànain (cànan eile seach Beurla) ann an tionndaidhean deireannach de mheasaidhean bhon taobh a-muigh.
Nithear an obair seo fo stiùir luchd-obrach bho Roinn-stiùiridh Gnothachais Theisteanasan aig Teisteanasan Alba.
Geàrr-iomradh air na dleastanasan
- A’ dèanamh sgrùdadh gu mionaideach air an teacsa sna measaidhean bhon taobh a-muigh agus ann an stuthan co-cheangailte riutha gus dèanamh cinnteach gu bheil cainnt ùghdarrail is phongail ga cleachdadh
- A’ dèanamh cinnteach nach eil faclan no teacsa a dhìth agus nach eil mearachdan litreachaidh ann, agus nuair as e Gàidhlig an cànan gu bheilear a’ cumail ri ar riaghailtean a thaobh gnàthachas litreachaidh
- Ag ullachadh is a’ cur aithisg a-steach a rèir ar clàr-ama, agus sibh a’ toirt iomradh air cùisean a thog ceann agus ma thug sibh an aire do mhearachdan, bidh sibh a’ moladh cheartachaidhean no teacsa/faclan eile a tha freagarrach
Slatan-tomhais airson a bhith a’ Taghadh Luchd-iarrtais
Feartan is comasan riatanach
Feumaidh na leanas a bhith fìor mur deidhinn:
- Bidh an cànan agaibh mar chànan màthaireil agus bidh sibh fileanta sa Bheurla
- Bidh sàr eòlas agaibh air gràmar a’ chànain a thathar a’ cleachdadh sa chuspair agus gràmar na Beurla
- Bidh eòlas agaibh air cultar na dùthcha/nan dùthchannan sam bithear a’ cleachdadh a’ chànain agus air poileasaidhean gnàthachas litreachaidh a thathar a’ cur an sàs
- Thèid agaibh air conaltradh labhairteach agus sgrìobhte a dhèanamh le misneachd agus ’s urrainn dhuibh beachdan taiceil a thoirt seachad
- Bidh coimpiutair no laptop agaibh le ceangal ris a’ bhann-leathann agus bidh seòladh puist-d prìobhaideach agaibh
Prìomh Shlatan-tomhais Coileanaidh do Luchd-sgrùdaidh
Gach bliadhna, nuair a bhios Neach-sgrùdaidh air na dleastanasan a chithear ann an cùmhnant an Neach-sgrùdaidh a choileanadh, thèid measadh a dhèanamh air obair an Neach-sgrùdaidh mu choinneimh nam prìomh shlatan-tomhais coileanaidh a leanas agus ma thachair nach deach gach dleastanas a choileanadh mar a bu chòir thar na bliadhna, thèid beachdachadh air sin.
- A’ Dearbhadh Càileachd nan stuthan airson mheasaidhean bhon taobh a-muigh a rèir nan stiùiridhean.
- A’ coileanadh nan dleastanasan a rèir a’ chlàir-ama.
- A’ cur aithisg a-steach nuair a bhios an obair deiseil le beachdan is molaidhean cuideachail a thaobh atharraichean air measaidhean bhon taobh a-muigh.
- Ag obair ann an dòigh thaiceil is chàirdeil le ur co-obraichean.
Scrutineer
A Scrutineer checks and advises on the accuracy and authenticity of language (other than English) in finalised external assessments.
These activities will be under the direction of staff from Qualifications Scotland’s Qualifications business directorate.
Outline of duties
- Carefully check the text of the external assessment and relevant related material to ensure the authenticity and accuracy of the language used
- Ensure no omissions or spelling errors have occurred, and where the language is Gàidhlig ensure that our orthographic conventions are applied
- Prepare and submit a report in accordance with our timescales, commenting on issues and where errors are detected suggesting corrections or suitable alternatives
Selection Criteria
Essential characteristics
Successful candidates must:
- Be a native speaker of the language and fluent in English
- Be able to demonstrate excellent grammatical knowledge in the subject language and English
- Have a knowledge of the culture of the country/countries in which the language is used and of any orthographic policy which may apply
- Be able to communicate confidently both orally and in writing and provide constructive comments
- Have a home computer or laptop with broadband internet connection and a private e-mail address
Key Performance Measures for Scrutineers
Each year, on completion of the duties outlined in the Scrutineer contract specification, the Scrutineer will be measured against the following key performance measures and informed by exception of the outcome in relation to their performance in that year.
- Quality Assure materials for external assessment in accordance with guidance.
- Complete duties as per events calendar.
- Submit a report on completion of the process providing constructive feedback and suggestions for amendments on the external assessment.
- Positive engagement with all colleagues.