Solar Teisteanasan Alba airson na Gàidhlig

Tha Teisteanasan Alba agus na buidhnean a bh' ann roimhe air dealas làidir a chumail suas don Ghàidhlig thar iomadach bliadhna. Tha Teisteanasan Nàiseanta dha Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh) agus Gàidhlig rim faotainn aig Nàiseanta 3, Nàiseanta 4, Nàiseanta 5, Àrd Ìre agus Àrd Ìre Adhartach. Tha Teisteanasan Alba air teisteanasan a leasachadh cuideachd ann an roinnean foghlaim adhartach agus àrd-fhoghlaim ann an Alba, gus a dhèanamh cinnteach gu bheil feumalachdan Gàidhlig na coimhearsnachd ionnsachaidh is obrach air an coileanadh aig gach ìre fileantachd sa chànan.

Aig an àm seo, tha àireamh de dheuchainnean tro mheadhan na Gàidhlig aig ìre Nàiseanta 5, Àrd Ìre agus Àrd Ìre Adhartach rim faotainn tro Teisteanasan Alba - Cruinn-eòlas; Eachdraidh; Matamataig; Gnìomhachas Matamataigs agus Nuadh-eòlas. Tha modailean ùra inntrigidh, teisteanachaidh, eadar-theangachaidh agus comharrachaidh air an leasachadh do na Cùrsaichean sin, gus a dhèanamh cinnteach gu bheil tiotalan Chùrsaichean agus Aonadan uile a tha air an cosnadh tro mheadhan na Gàidhlig air an aithris ann an Gàidhlig air Barantas Teisteanasan Alba (SQC) aig na tagraichean. Tha aithrisean aithneachaidh air an clàradh cuideachd air a' chlàr ruigsinneachd mhionaideach airson a shealltainn gun deach an Cùrsa a mheasadh agus a choileanadh tro mheadhan na Gàidhlig.

Tha Teisteanasan Alba dealasach a thaobh na roinne Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (GME), agus ann an co-rèir ris a' Phlana Ghàidhlig againn tha sinn ag amas air togail air an t-solar làithreach agus a chumail suas, le bhith a' solarachadh stuthan taic agus a' leudachadh an raoin a th' againn de chuspairean tro mheadhan na Gàidhlig a tha rim faotainn ann an àrd-sgoiltean agus colaistean.

Qualifications Scotland Provision for Gaelic

Qualifications Scotland and its predecessor bodies have maintained a strong commitment to the Gaelic Language for many years. National Qualifications for Gaelic (Learners) and Gàidhlig are available at National 3, National 4, National 5, Higher and Advanced Higher levels. We also developed qualifications in the further and higher education sectors in Scotland to ensure that the needs of the Gaelic learning and working community are addressed across all levels of fluency in the language.

There are a number of National 5, Higher and Advanced Higher examinations available through the medium of Gaelic - Geography (Cruinn-eòlas); History (Eachdraidh); Mathematics (Matamataig), Applications of Mathematics (Gnìomhachas Matamataigs); and Modern Studies (Nuadh-eòlas). New models of entry, certification, translation and marking for these Courses have been developed to ensure that Course titles and all Units attained through the medium of Gaelic are reported in Gaelic on candidates' Scottish Qualifications Certificate (SQC). There are also recognition statements reported on the detailed record of attainment to indicate that the Course was assessed and attained through the medium of Gaelic.

We are committed to the Gaelic-medium education (GME) sector, and in line with our Gaelic Language Plan, we aim to maintain and build on current provision by providing support materials and expanding our range of Gaelic Medium subjects available in secondary schools and colleges.