Solar tro Mheadhan na Gàidhlig

Tha SQA a' dèanamh an dìchill taic a thoirt do thagraichean meadhan-Gàidhlig gu neo-dhìreach aig ìre bun-sgoile tro mheasgachadh de dhòighean. Aig ìre àrd-sgoile, tha SQA gu làithreach a' tairgsinn àireamh de dheuchainnean Nàiseanta 5, Àrd Ìre agus An Àrd Ìre Adhartach tro mheadhan na Gàidhlig - Cruinn-eòlas, Eachdraidh, Matamataig, Matamataig Fad-bheatha agus Nuadh-eòlas.

Tha teisteanasan tro mheadhan na Gàidhlig a' comasachadh fhileantaich am foillseachadh don chànan a chumail suas fad am foghlaim san àrd-sgoil.  

Tha modailean ùra inntrigidh, teisteanachaidh, eadar-theangachaidh agus comharrachaidh air an leasachadh do na Cùrsaichean sin, gus a dhèanamh cinnteach gu bheil tiotalan Chùrsaichean agus Aonadan uile a tha air an cosnadh tro mheadhan na Gàidhlig air an aithris ann an Gàidhlig air Barantas Theisteanas na h-Alba (SQC) aig na tagraichean. Tha aithrisean aithneachaidh air an clàradh cuideachd air a' chlàr ruigsinneachd Mhionaideach airson a shealltainn gun deach an Cùrsa a mheasadh agus a chosnadh tro mheadhan na Gàidhlig.

Tha SQA dealasach a thaobh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, agus ann an co-rèir ris a' Phlana Ghàidhlig againn tha sinn ag amas air togail air an t-solar làithreach agus a chumail suas, le bhith a' solarachadh stuthan taic agus a' leudachadh an raoin de chuspairean tro mheadhan na Gàidhlig a th' againn aig an Ìre Àrd, a tha rim faotainn ann an àrd-sgoiltean agus colaistean.  Tha dealas a bharrachd ann a thaobh leudachaidh air an àireamh de dheuchainnean meadhan-Gàidhlig an taobh a-staigh raon de chuspairean a tha so-dhèanta agus air an sònrachadh gu soilleir, gu bhith air an dearbhadh ann an co-chomhairleachadh le buidheann-obrach nàiseanta Bòrd na Gàidhlig air Deilbh Curraicealam Àrd-sgoile tro Mheadhan na Gàidhlig.

Tha fiosrachadh is sgrìobhainnean a tha sònraichte do chuspair leithid Sampaill Phàipearan Cheistean rim faotainn air na duilleagan cuspaireil buntainneach.

Gaelic-medium provision

SQA endeavours to support Gaelic-medium candidates indirectly at primary level by a variety of means. At secondary level, SQA currently makes a number of National 5, Higher and Advanced Higher examinations available through the medium of Gaelic — Geography (Cruinn-eòlas), History (Eachdraidh), Mathematics (Matamataig), Applications of Mathematics (Gnìomhachas Matamataigs), and Modern Studies (Nuadh-eòlas).

Gaelic-medium qualifications enable fluent speakers to maintain their exposure to the language throughout secondary education.

New models of entry, certification, translation and marking for these Courses have been developed to ensure that Course titles and all Units attained through the medium of Gaelic are reported in Gaelic on candidates' Scottish Qualifications Certificate (SQC). There are also recognition statements reported on the Detailed record of attainment to indicate that the Course was assessed and attained through the medium of Gaelic.

SQA is committed to Gaelic-medium education, and in line with our Gaelic Language Plan we aim to maintain and build on current provision by providing support materials and expanding our range of Gaelic-medium subjects available at Senior Phase in secondary schools and colleges.

There is an added commitment to extend the range of Gaelic-medium examinations within a clearly specified and practicable range of subjects, to be determined in consultation with Bòrd na Gàidhlig's national working group on Gaelic-medium Secondary Curriculum Design.

Subject-specific information and documents such as Specimen Question Papers are available on the relevant subject pages.