Bidh Duaisean Leasachaidh Proifeiseanta (PDAn) a’ leudachadh sgilean proifeiseanta no dreuchdail agus tha iad ceangailte ri Inbhean Obrach Nàiseanta.

Tha am PDA ann an Eadar-theangachadh Gàidhlig aig SCQF ìre 11 a’ dèiligeadh ri sgilean speisealta ann an eadar-theangachadh agus a’ leasachadh coileanadh mar eadar-theangair proifeiseanta. Tha an duais a’ toirt a-steach cuid de na h-Inbhean Obrach Nàiseanta airson Eadar-theangachadh.

Tha an teisteanas a’ gabhail a-steach:

  • a bhith ag eadar-theangachadh theacsaichean bho Bheurla gu Gàidhlig is bho Ghàidhlig gu Beurla
  • a bhith a’ measadh do chomais fhèin mar eadar-theangair a tha ag obair a rèir shlatan-tomhais proifeiseanta
  • a’ planadh agus a’ cur an cèill leasachadh proifeiseanta leantainneach

Is iad na prìomh raointean ris am bithear a’ dèiligeadh an lùib na h-obrach, planaichean Gàidhlig bhuidhnean poblach, obair eadar-theangachaidh an lùib nam meadhanan, craoladh agus foillseachadh.

PDA Gaelic

Professional Development Awards (PDAs) extend or broaden professional or vocational skills and are linked to National Occupational Standards.

The PDA in Gaelic Translation at SCQF level 11 covers specialist skills in translation and developing performance as a professional translator. The award incorporates some of the National Occupational Standards for Translation.

This qualification covers:

  • translating texts from English into Gaelic and Gaelic into English
  • evaluating own performance as a translator working to professional standards
  • planning and implementing continuing professional development

The main areas of work covered include public body Gaelic plans, translation work in the media sector, broadcasting, and publishing.