Sgrùdaire Nua-chànain

Bidh Sgrùdaire Nua-chànain a’ dearbhadh, agus a’ toirt comhairle air, dè cho pongail is cho fìrinneasach ’s a tha cainnt (nach ann sa Bheurla) ann am measaidhean deireannach on taobh a-muigh

Bidh na gnìomhan seo fo stiùireadh luchd-obrach bhon bhuidheann-stiùiridh Obrachaidhean ann an SQA.

Cnàmhan nan Dleastanasan

  • Dèan dearbhadh cùramach air teacsa a’ mheasaidh bhon taobh a-muigh agus air stuth co-cheangailte buntainneach gus dèanamh cinnteach gu bheil a’ chainnt a chleachdar fìrinneasach agus pongail.
  • Dèan cinnteach nach eil dearmad no mearachdan litreachaidh ann, agus far a bheil Gàidhlig ga cleachdadh dèan cinnteach gu bheil gnàthachas litreachaidh na Gàidhlig aig SQA ga chur an gnìomh.
  • Deasaich agus cuir a-steach aithisg a rèir clàran-ama SQA, a’ dèanamh iomradh air cùisean agus, far a bheilear a’ lorg mhearachdan, a’ cur air adhart ceartachaidhean no a’ moladh briathrachas eile.

Slatan-tomhais airson Taghadh

Feartan riatanach

Feumaidh tagraichean soirbheachail sealltainn:

  • gu bheil an cànan aca mar chainnt mhàthaireil agus gu bheil iad fileantach sa Bheurla
  • gu bheil iad comasach air dearbhadh gu bheil sàr-eòlas gràmair aca gach cuid air a’ chànan-chuspair agus air a’ Bheurla
  • gu bheil eòlas aca air cultar na dùthcha/nan dùthchannan san cleachdar an cànan agus air poileasaidh gnàthachas litreachaidh sam bith a tha buntainneach
  • gu bheil comas aca air coluadar a dhèanamh le misneachd, gach cuid conaltradh-beòil agus ann an sgrìobhadh
  • gu bheil coimpiutair no laptop aca aig an taigh, le ceangal bann-leathainn, agus seòladh puist-d prìobhaideach aca

Prìomh Mheasaidhean Coileanaidh airson Sgrùdairean Nua-chànain

Gach bliadhna, an dèidh dhaibh na dleastanasan a choileanadh, a fhuaireadh san t-sònrachadh chùmhnaint airson Sgrùdaire Nua-chànain, bidh an Sgrùdaire Nua-chànain air a mheasadh a rèir nam prìomh mheasaidhean coileanaidh a leanas, agus bheirear fios dhaibh air toradh a thaobh an cuid choileanaidh sa bhliadhna sin.

  1. Dèan Dearbhadh Càileachd air stuthan airson measadh bhon taobh a-muigh a rèir poileasaidh agus stiùireadh an SQA.
  2. Coilean dleastanasan a rèir mìosachan nan tachartasan.
  3. Cuir a-steach aithisg Sgrùdaire Nua-chànain an dèidh am pròiseas a choileanadh, a’ toirt fios air ais a bhios cuideachail agus molaidhean airson atharrachaidhean air a’ mheasadh bhon taobh a-muigh mar a tha iomchaidh.
  4. Deagh chom-pàirteachadh leis a h-uile neach-obrach SQA.

Modern Language Scrutineer

A Modern Language Scrutineer checks and advises on the accuracy and authenticity of language (other than English) in finalised external assessments.

These activities will be under the direction of staff from SQA's Operations business directorate.

Outline of duties

  • Carefully check the text of the external assessment and relevant related material to ensure the authenticity and accuracy of the language used
  • Ensure no omissions or spelling errors have occurred, and where the language is Gaidhlig ensure SQA's orthographic conventions are applied
  • Prepare and submit a report in accordance with SQA timescales, commenting on issues and where errors are detected suggesting corrections or alternative renderings

Selection Criteria

Essential characteristics

Successful candidates must:

  • Be a native speaker of the language and fluent in English
  • Be able to demonstrate excellent grammatical knowledge in the subject language and English
  • Have a knowledge of the culture of the country/countries in which the language is used and of any orthographic policy which may apply
  • Be able to communicate confidently both orally and in writing and provide constructive comments
  • Have a home computer or laptop with broadband internet connection and a private e-mail address

Key Performance Measures for Modern Language Scrutineers

Each year, on completion of the duties outlined in the Modern Language Scrutineer contract specification, the Modern Language Scrutineer will be measured against the following key performance measures and informed of the outcome in relation to their performance in that year.

  1. Quality Assure materials for external assessment in accordance with SQA policy and instruction.
  2. Complete duties as per events calendar.
  3. Submit a Modern Language Scrutineer report on completion of the process, providing constructive feedback and suggestions for amendments on the external assessment where appropriate.
  4. Positive engagement with all members of SQA staff.