Aithris Phrìobhaideachd
Cò sinne is na nì sinn
'S e buidheann phoblach a tha ann an Ùghdarras Theisteanas na h-Alba (SQA), a chaidh a stèidheachadh fo Achd an Fhoghlaim (Alba) 1996.
Tha dà phrìomh rùn aig an SQA, teisteanasan a bharantachadh is a bhuileachadh.
Mar bhuidheann bharantachaidh, bidh an SQA:
- a' barantachadh theisteanasan
- ag ùghdarrachadh, agus a' barantachadh càileachd bhuidhnean duaiseachaidh a tha an dùil daoine a chur air adhart airson nan teisteanasan seo
Mar bhuidheann bhuileachaidh, bidh an SQA:
- a' cur air bhonn agus a' leasachadh theisteanasan
- a' dearbhadh theisteanasan (a' dèanamh cinnteach gu bheil iad air an deagh sgrìobhadh agus a' freagairt air feumalachdan an luchd-ionnsachaidh is an luchd-oideachaidh)
- a' sgrùdadh theisteanasan airson a bhith cinnteach gu bheil iad làithreach
- a' cur air dòigh, a' cuideachadh le, agus a' toirt gu buil, measadh dhaoine a tha a' dèanamh theisteanasan SQA
- a' barantachadh càileachd nan sgoiltean, colaistean is ionadan trèanaidh a tha a' tairgse theisteanasan SQA
- a' toirt theisteanasan seachad don luchd-deuchainn
Tha sinn a' tairgse raon de sheirbheisean do ghnothachasan is solarachaiean trèanaidh cuideachd, agus a' toirt comhairle do Riaghaltas na h-Alba air cùisean a bhuineas do na rùintean is obair againn.
Tha an aithris dhìomhaireachd seo a' mìneachadh mar a bhios an SQA a' tional is a' cleachdadh fiosrachaidh mur deidhinn gus na seirbheisean againn a thoirt seachad.
'S e an seòrsa buntainneis a tha againn leibh a chanas rinn dè seòrsa fiosrachaidh phearsanta a chruinnicheas sinn mur deidhinn agus mar a bhios sinn ga chleachdadh. Tha barrachd fiosrachaidh mu gach seòrsa buntainneis air an cur seo shìos:
Luchd-deuchainn
Dè am fiosrachadh mur deidhinn a bhios sinn a' tional?
Ma tha sibh ag ionnsachadh no air teisteanas SQA a ghabhail, cruinnichidh sinn fiosrachadh mur deidhinn. Tha na leanas am measg nan seòrsachan de dh'fhiosrachadh a bhios sinn a' tional:
- fiosrachadh pearsanta, mar eisimpleir, ainm, seòladh, latha breith, seòladh phuist-d
- àireamh aithneachaidh phearsanta (SCN)
- fiosrachadh coileanaidh
- sgriobtaichean deuchainne
- stuthan/fianais mheasaidh
- riatanasan ullachaidhean sònraichte ma tha seo a dhìth
Ciamar a bhios sinn a' tional ur fiosrachaidh agus dè nì sinn leis?
Bidh sinn a' tional fiosrachaidh mur deidhinn bhon sgoil, cholaiste no ionad trèanaidh agaibh, bhon ùghdarras ionadail agus bho na sgriobtaichean deuchainne is stuthan measaidh eile. Is dòcha gun cruinnich sinn fiosrachadh dìreach bhuaibh fhèin nuair a chleachdas sibh ar làrach-lìn, nuair a chlàraicheas sibh airson 'MySQA' a chleachdadh, air neo nuair a chuireas sibh fios thugainn no a dh'iarras sibh seirbheis eile oirnn leithid gun toir sinn stuthan air ais thugaibh.
Bidh sinn a' cleachdadh an fhiosrachaidh a chruinnicheas sinn mur deidhinn:
- airson cùisean eagrachadh dhuibh a bhith a' gabhail dheuchainnean/mheasaidhean an SQA
- airson ur teisteanas SQA a dhuaiseachadh is a bhuileachadh oirbh
- airson clàr a chumail air a' choileanadh agaibh
- airson seirbheisean a lìbhrigeadh a dh'iarr sibh, nam measg sin MySQA agus an t-Seirbheis Thoraidhean-post againn
- airson ceistean a fhreagairt
- airson a bhith a' rannsachadh chùisean de mhì-ghiùlan a dh'fhaodadh a bhith ann
- air adhbharan stadastaigeil is rannsachaidh
Stèidh laghail airson ur fiosrachadh a làimhseachadh
Bidh sinn a' cleachdadh is a' com-pàirteachadh ur fiosrachaidh:
- airson ar rùintean is dleastanasan a choileanadh a rèir Achd an Fhoghlaim (Alba) 1996
- airson obair a dhèanamh a chum leas a' phobaill
- airson gèilleadh ri dleastanasan laghail eile
- leis ur n-aonta, nuair a tha sinn air sin iarraidh agus sibh air a thoirt dhuinn
- ceangailte ri cùmhnant no airson fear a leantainn
Cò leis an com-pàirtich sinn am fiosrachadh agaibh?
Is dòcha gun com-pàirtich sinn ur fiosrachadh pearsanta le, agus fiosrachadh mur deidhinn fhaighinn, bho:
- Riaghaltas na h-Alba, a' gabhail a-steach roinnean riaghaltais agus buidhnean neo-roinneil an riaghaltais
- ur n-ùghdarras ionadail
- Seirbheis Inntrigidh nan Oilthighean is Colaistean (UCAS)
- ur sgoil, colaiste no ionad trèanaidh
- buidhnean poblach eile le uallach airson foghlam is deiseileachadh dreuchd
- Comhairle Sgoiltean Neo-eisimeileach na h-Alba (SCIS)
- seirbheisean lagha agus Cìs is Cusbainn a Mòrachd
- Ombudsman Seirbheisean Poblach na h-Alba (SPSO)
- buidhnean a tha nan com-pàirtichean leinn ann a bhith a' lìbhrigeadh theisteanasan a chaidh an dearbhadh leis an SQA
- solaraichean seirbheise eile is buidhnean eile a bhios sinn a' cleachdadh airson a bhith a' lìbhrigeadh ar seirbheisean
Dè cho fad 's a bhios sinn a' cumail ur fiosrachaidh?
Cha bhi sinn a' cumail ur fiosrachaidh ach cho fad 's a tha feum againn air gus a bhith taiceil dhuinn ann a bhith a' toirt gu buil ar rùintean is dleastanasan laghail agus/no conn-riaghlaidh. Bidh seo diofraichte a rèir an t-suidheachaidh a tha sa cheist. Tha cunntasan air cho fad 's a bhios sinn a' cumail ur fiosrachaidh rim faighinn ann an clàr làimhseachaidh an SQA (36 KB)
Dè na còraichean a tha agam?
A' faighinn greim air an fhiosrachadh agaibh: Tha an còir agaibh lethbhreac iarraidh den fhiosrachadh a tha sinn a' cumail mur deidhinn. Tha tuilleadh fiosrachaidh air mar a nithear seo ri fhaighinn air ar làrach-lìn.
A' ceartachadh an fiosrachaidh agaibh: Tha sinn an-còmhnaidh airson dèanamh cinnteach gu bheil am fiosrachadh agaibh ceart agus ris an uair. Faodaidh sibh iarraidh oirnn fiosrachadh sam bith mur deidhinn a cheartachadh a tha sibh a' measadh a bhith ceàrr no neo-iomlan.
A' sguabadh às am fiosrachadh agaibh: Tha an còir agaibh iarraidh oirnn fiosrachadh mur deidhinn a sguabadh às ma:
- tha sibh a' smaoineachadh gun do chùm sinn e na b' fhaide na dh'fheumas sinn
- tha sinn a' cleachdadh an fhiosrachaidh agaibh leis ur n-aonta agus tha sibh a' toirt an aonta sin air falbh - faicibh 'A' toirt air falbh aonta a bhith a' cleachdadh ur fiosrachaidh' seo shìos
- tha sibh air cur an aghaidh sinne a bhith a' cleachdadh ur fiosrachaidh phearsanta - faicibh 'A' cur an aghaidh mar a bhios sinn a' cleachdadh ur fiosrachaidh' seo shìos
- tha an SQA a' cleachdadh ur fiosrachaidh ann an dòigh mhì-laghail
A' cur an aghaidh mar a bhios sinn a' cleachdadh ur fiosrachaidh: Tha an còir agaibh iarraidh oirnn sgur dheth bhith a' cleachdadh ur fiosrachaidh gus:
- stuthan margaidheachd a chur thugaibh
- cuid de na rùintean is dleastanasan poblach a choileanadh
- rannsachadh a dhèanamh
A' cur bacadh air mar a bhios sinn a' cleachdadh ur fiosrachaidh: Tha an còir agaibh iarraidh oirnn bacadh a chur air mar a bhios sinn a' cleachdadh ur fiosrachaidh phearsanta ann an suidheachaidhean sònraichte. Mar eisimpleir, nuair a tha sibh air iarraidh oirnn mionaideachd ur fiosrachaidh a chinnteachadh no nuair nach eil feum againn air an fhiosrachadh agaibh ach tha sibh airson gun cùm sinn e airson ur cuideachadh ann a bhith a' dèanamh tagraidh laghail.
A' toirt air falbh ur n-aonta air a bhith a' cleachdadh ur fiosrachaidh: Nuair a tha sibh air ur n-aonta a thoirt dhuinn a bhith a' cleachdadh ur fiosrachaidh phearsanta, faodaidh sibh an t-aonta sin a thoirt air falbh aig àm sam bith agus sguiridh sinn dheth bhith a' cleachdadh ur fiosrachaidh phearsanta air an adhbhar/air na h-adhbharan sin.
Nach cuir sibh fios thugainn a rèir gin de na dòighean a tha air an cur sìos san earrainn Mar a chuirear fios thugainn [link] ma tha sibh airson iarraidh oirnn càil de na tha seo shuas a dhèanamh.
Neach a chaidh a chur an dreuchd
Dè am fiosrachadh a bhios sinn a' tional mur deidhinn?
Nuair a chuireas sibh a-steach air a dhol nur Neach a chaidh a chur an dreuchd an SQA cruinnichidh sinn fiosrachadh bhuabh airson ur cur san dreuchd seo. Tha seo a' toirt a-steach na seòrsachan air an liostadh seo shìos:
- fiosrachadh pearsanta, mar eisimpleir, ainm, seòladh, latha breith
- Àireamh an Àrachais Nàiseanta (NI)
- fiosrachadh fastaidh agus an eachdraidh fhastaidh agaibh
- fiosrachadh banca
- fiosrachadh cìse agus lùghdachaidhean
- feumalachdan trèanaidh agus leasachaidh
- reifreansan (far a bheil seo iomchaidh)
Ciamar a bhios sinn a' tional ur fiosrachaidh agus dè nì sinn leis?
Bidh sinn a' tional ur fiosrachadh gu dìreach bhuaibh fhèin is bhon fhastaidhear a tha agaibh an-dràsta. Thèid seo a thional bhon tagradh agaibh a bhith nur neach a chaidh a chur an dreuchd, bhon fhoirm fhiosrachadh phearsanta agaibh agus bho chonaltradh eile a tha agaibh leis an SQA mar phàirt den dreuchd agaibh.
Bidh sinn a' cleachdadh an fhiosrachaidh a chruinnicheas sinn mur deidhinn:
- air adhbharan fastaidh
- airson ur dreuchd a rianachadh
- airson planadh stòrais
- airson ur cìsean is cosgaisean a phàigheadh dhuibh
- airson ur clàradh ann an sgeama peinnsein - far a bheil seo iomchaidh
- air adhbharan stadastaigeil is rannsachaidh
- airson a bhith a' rannsachadh chùisean de mhì-ghiùlan a dh'fhaodadh a bhith ann
- airson an trèanadh is leasachadh a thoirt dhuibh a tha a dhìth oirbh
Stèidh laghail airson ur fiosrachadh a làimhseachadh
Bidh sinn a' cleachdadh is a' com-pàirteachadh ur fiosrachaidh:
- airson ar rùintean is dleastanasan a choileanadh a rèir Achd an Fhoghlaim (Alba) 1996
- airson obair a dhèanamh a chum leas a' phobaill
- airson gèilleadh ri dleastanasan laghail eile
- ceangailte ri cùmhnant no airson fear a leantainn
Cò leis an com-pàirtich sinn am fiosrachadh pearsanta agaibh?
Is dòcha gun com-pàirtich sinn ur fiosrachadh pearsanta le(is):
- an fhastaidhear a tha agaibh an-dràsta
- ur n-ùghdarras ionadail
- solaraichean sgeama peinnsein
- sgoiltean, colaistean is ionadan trèanaidh
- seirbheisean lagha agus Cìs is Cusbainn a Mòrachd
- solaraichean seirbheise eile is buidhnean eile a bhios sinn a' cleachdadh airson a' bhith a' lìbhrigeadh ar seirbheisean
- Buidheann nam Bun-tomhas is Deuchainnean (far a bheil seo iomchaidh)
Bidh sinn a' dèanamh seo air na h-adhbharan a chaidh am mìneachadh ann an 'Ciamar a bhios sinn a' cleachdadh ur fiosrachaidh?' seo shuas agus airson ar cuideachadh ann a bhith a' coileanadh nan rùintean is dleastanasan/pìosan-obrach eadar-dhealaichte againn.
Dè cho fad 's a bhios sinn a' cumail ur fiosrachaidh?
Cha bhi sinn a' cumail ur fiosrachaidh ach cho fad 's a tha feum againn air gus a bhith taiceil dhuinn ann a bhith a' toirt gu buil ar rùintean is dleastanasan laghail agus/no conn-riaghlaidh. Bidh seo diofraichte a rèir an t-suidheachaidh a tha sa cheist agus tha cunntasan air cho fad 's a bhios sinn a' cumail ur fiosrachaidh rim faighinn ann an clàr làimhseachaidh an SQA (36 KB)
Dè na còraichean a tha agam?
A' faighinn greim air an fhiosrachadh agaibh: Tha an còir agaibh lethbhreac iarraidh den fhiosrachadh a tha sinn a' cumail mur deidhinn. Tha tuilleadh fiosrachaidh air mar a nithear seo ri fhaighinn air ar làrach-lìn.
A' ceartachadh an fiosrachaidh agaibh: Tha sinn an-còmhnaidh airson dèanamh cinnteach gu bheil am fiosrachadh agaibh ceart agus ris an uair. Faodaidh sibh iarraidh oirnn fiosrachadh sam bith mur deidhinn a cheartachadh a tha sibh a' measadh a bhith ceàrr no neo-iomlan. Nach cuir sibh fios gu Rianachd Neach a chaidh a chur an dreuchd.
A' toirt ur fiosrachaidh thairis: Tha an còir agaibh iarraidh oirnn ur fiosrachadh a thoirt thairis bhon dàrna shuidheachadh IT gu fear eile. Tha seo gu math coltach ris a' chòir a bhith a' faighinn greim air an fhiosrachadh agaibh ach tha i a' toirt seachad am fiosrachadh agaibh ann an cruth leagtronaigeach a ghabhas ath-chleachdadh.
A' sguabadh às am fiosrachadh agaibh: Tha an còir agaibh iarraidh oirnn fiosrachadh mur deidhinn a sguabadh às ma:
- tha sibh a' smaoineachadh gun do chùm sinn e na b' fhaide na dh'fheumas sinn
- tha sinn a' cleachdadh an fhiosrachaidh agaibh leis ur n-aonta agus tha sibh a' toirt an aonta sin air falbh - faicibh 'A' toirt air falbh aonta a bhith a' cleachdadh ur fiosrachaidh' seo shìos
- tha sibh air cur an aghaidh sinne a bhith a' cleachdadh ur fiosrachaidh phearsanta - faicibh 'A' cur an aghaidh mar a bhios sinn a' cleachdadh ur fiosrachaidh' seo shìos
- tha an SQA a' cleachdadh ur fiosrachaidh ann an dòigh mhì-laghail
A' cur an aghaidh mar a bhios sinn a' cleachdadh ur fiosrachaidh: Tha an còir agaibh iarraidh oirnn sgur dheth bhith a' cleachdadh ur fiosrachaidh gus:
- stuthan margaidheachd a chur thugaibh
- cuid de na rùintean is dleastanasan poblach a choileanadh
- rannsachadh a dhèanamh
A' cur bacadh air mar a bhios sinn a' cleachdadh ur fiosrachaidh: Tha an còir agaibh iarraidh oirnn bacadh a chur air mar a bhios sinn a' cleachdadh ur fiosrachaidh phearsanta ann an suidheachaidhean sònraichte. Mar eisimpleir, nuair a tha sibh air iarraidh oirnn mionaideachd ur fiosrachaidh a chinnteachadh no nuair nach eil feum againn air an fhiosrachadh agaibh ach tha sibh airson gun cùm sinn e airson ur cuideachadh ann a bhith a' dèanamh tagraidh laghail.
A' toirt air falbh ur n-aonta air a bhith a' cleachdadh ur fiosrachaidh: Nuair a tha sibh air ur n-aonta a thoirt dhuinn a bhith a' cleachdadh ur fiosrachaidh phearsanta, faodaidh sibh an t-aonta sin a thoirt air falbh aig àm sam bith agus sguiridh sinn dheth bhith a' cleachdadh ur fiosrachaidh phearsanta air an adhbhar/air na h-adhbharan sin.
Nach cuir sibh fios thugainn a rèir gin de na dòighean a tha air an cur sìos san earrainn Mar a chuirear fios thugainn [link] ma tha sibh airson iarraidh oirnn càil de na tha seo shuas a dhèanamh.
Neach-tagraidh
Dè am fiosrachadh a bhios sinn a' tional mur deidhinn?
Tha am fiosrachadh a chruinnicheas sinn mur deidhinn a' buntainn ri ur tagradh dhan SQA. Tha e a' toirt a-steach na seòrsachan a tha air an liostadh seo shìos:
- fiosrachadh pearsanta, mar eisimpleir, ainm, seòladh, latha breith
- Àireamh an Àrachais Nàiseanta (NI)
- an eachdraidh fhastaidh agaibh
- an eachdraidh fhoghlaim agaibh agus na teisteanasan a tha agaibh
- cunntasan tagraidh agus cunntasan beatha nuair a tha iad seo ann
- fiosrachadh co-ionnannachd chothroman
- reifreansan
Ciamar a bhios sinn a' tional ur fiosrachaidh agus dè nì sinn leis?
Bidh sinn a' tional ur fiosrachaidh gu dìreach bhuabh fhèin, bhon tagradh SQA agaibh, agus bhon fheadhainn a dh'ainmicheadh airson reifreansan agus bho bhuidhnean trusaidh far a bheil seo iomchaidh.
Bidh sinn a' cleachdadh an fhiosrachaidh a chruinnicheas sinn mur deidhinn:
- air adhbharan trusaidh
- airson reifreansan fhaighinn
- gus sùil a chumail air co-ionnannachd
- air adhbharan stadastaigeil is rannsachaidh
Ma thèid leis an tagradh agaibh, bidh am fiosrachadh a thug sibh seachad san tagradh na phàirt den fhaidhle neach-cosnaidh agaibh.
Stèidh laghail airson ur fiosrachadh a làimhseachadh
Bidh sinn a' cleachdadh is a' com-pàirteachadh ur fiosrachaidh:
- airson ar rùintean is dleastanasan a choileanadh a rèir Achd an Fhoghlaim (Alba) 1996
- airson obair a dhèanamh a chum leas a' phobaill
- airson gèilleadh ri dleastanasan laghail eile
- ceangailte ri cùmhnant no airson fear a leantainn
Cò leis an com-pàirtich sinn am fiosrachadh pearsanta agaibh?
Com-pàirtichidh sinn am fiosrachadh agaibh leis an neach-reifreans ainmichte agaibh.
Dè cho fad 's a bhios sinn a' cumail ur fiosrachaidh?
Cha bhi sinn a' cumail ur fiosrachaidh ach cho fad 's a tha feum againn air gus a bhith taiceil dhuinn ann a bhith a' toirt gu buil ar rùintean is dleastanasan laghail agus/no conn-riaghlaidh. Tha cunntasan nas mionaidiche air cho fad 's a bhios sinn a' cumail ur fiosrachaidh rim faighinn ann an clàr làimhseachaidh an SQA. (36 KB)
Dè na còraichean a tha agam?
A' faighinn greim air an fhiosrachadh agaibh: Tha an còir agaibh lethbhreac iarraidh den fhiosrachadh a tha sinn a' cumail mur deidhinn. Tha tuilleadh fiosrachaidh air mar a nithear seo ri fhaighinn air ar làrach-lìn.
A' ceartachadh an fiosrachaidh agaibh: Tha sinn an-còmhnaidh airson dèanamh cinnteach gu bheil am fiosrachadh agaibh ceart agus ris an uair. Faodaidh sibh iarraidh oirnn fiosrachadh sam bith mur deidhinn a cheartachadh a tha sibh a' measadh a bhith ceàrr no neo-iomlan. Nach cuir sibh fios gu hr.shared.services@sqa.org.uk.
A' toirt ur fiosrachaidh thairis: Tha an còir agaibh iarraidh oirnn ur fiosrachadh a thoirt thairis bhon dàrna shuidheachadh IT gu fear eile. Tha seo gu math coltach ris a' chòir a bhith a' faighinn greim air an fhiosrachadh agaibh ach tha i a' toirt seachad am fiosrachadh agaibh ann an cruth leagtronaigeach a ghabhas ath-chleachdadh.
A' sguabadh às am fiosrachadh agaibh: Tha an còir agaibh iarraidh oirnn fiosrachadh mur deidhinn a sguabadh às ma:
- tha sibh a' smaoineachadh gun do chùm sinn e na b' fhaide na dh'fheumas sinn
- tha sinn a' cleachdadh an fhiosrachaidh agaibh leis ur n-aonta agus tha sibh a' toirt an aonta sin air falbh - faicibh 'A' toirt air falbh aonta a bhith a' cleachdadh ur fiosrachaidh' seo shìos
- tha sibh air cur an aghaidh sinne a bhith a' cleachdadh ur fiosrachaidh phearsanta - faicibh 'A' cur an aghaidh mar a bhios sinn a' cleachdadh ur fiosrachaidh' seo shìos
- tha an SQA a' cleachdadh ur fiosrachaidh ann an dòigh mhì-laghail
A' cur an aghaidh mar a bhios sinn a' cleachdadh ur fiosrachaidh: Tha an còir agaibh iarraidh oirnn sgur dheth bhith a' cleachdadh ur fiosrachaidh gus:
- stuthan margaidheachd a chur thugaibh
- cuid de na rùintean is dleastanasan poblach a choileanadh
- rannsachadh a dhèanamh
A' cur bacadh air mar a bhios sinn a' cleachdadh ur fiosrachaidh: Tha an còir agaibh iarraidh oirnn bacadh a chur air mar a bhios sinn a' cleachdadh ur fiosrachaidh phearsanta ann an suidheachaidhean sònraichte. Mar eisimpleir, nuair a tha sibh air iarraidh oirnn mionaideachd ur fiosrachaidh a chinnteachadh no nuair nach eil feum againn air an fhiosrachadh agaibh ach tha sibh airson gun cùm sinn e airson ur cuideachadh ann a bhith a' dèanamh tagraidh laghail.
A' toirt air falbh ur n-aonta air a bhith a' cleachdadh ur fiosrachaidh: Nuair a tha sibh air ur n-aonta a thoirt dhuinn a bhith a' cleachdadh ur fiosrachaidh phearsanta, faodaidh sibh an t-aonta sin a thoirt air falbh aig àm sam bith agus sguiridh sinn dheth bhith a' cleachdadh ur fiosrachaidh phearsanta air an adhbhar/air na h-adhbharan sin.
Nach cuir sibh fios thugainn a rèir gin de na dòighean a tha air an cur sìos san earrainn Mar a chuirear fios thugainn [link] ma tha sibh airson iarraidh oirnn càil de na tha seo shuas a dhèanamh.
Neach-deuchainn airson teisteanas Bathair Cunnartaich
Bidh an SQA a' tional fiosrachaidh mur deidhinn air sgàth Buidheann Ìrean nan Draibhear is Carbad agus Roinn na Còmhdhala gus na teisteanasan a thoirt seachad ann an Trèanadh Draibhear Bathair Cunnartaich, Comhairleach Sàbhailteachd Bathair Cunnartaich, agus Cead Draibhear Creag-ola.
Dè am fiosrachadh a bhios sinn a' tional mur deidhinn?
Tha am fiosrachadh a bhios sinn a' tional mur deidhinn a' buntainn ris na teisteanasan a tha sibh a' dèanamh no a tha sibh air dèanamh marthà. Tha e a' toirt a-steach na seòrsachan a tha air liostadh seo shìos:
- fiosrachadh pearsanta, mar eisimpleir, ainm, seòladh, latha breith, seòladh phuist-d
- àireamh aithneachaidh agus àireamh neach-dearbhaidh an taobh a-muigh
- fiosrachadh coileanaidh
- sgriobtaichean deuchainne
- dealbh-camara
- ainm-sgrìobhte
Ciamar a bhios sinn a' tional ur fiosrachaidh agus dè nì sinn leis?
Bidh sinn a' tional fiosrachaidh mur deidhinn bhon cholaiste no ionad thrèanaidh agaibh, agus bhon bhuidhinn dhuaiseachaidh agaibh. Bidh sinn a' tional fiosrachaidh dìreach bhuaibh fhèin cuideachd nuair a chleachdas sibh an làrach-lìn againn, nuair a chuireas sibh fios thugainn mun t-seirbheis seo, no nuair a dh'iarras sibh seirbheis eile.
Bidh sinn a' cleachdadh an fhiosrachaidh a chruinnicheas sinn bhuaibh:
- airson ur clàradh airson teisteanas bathair cunnartaich
- airson gnothaichean a chur air dòigh gus an tèid agaibh air deuchainn a dhèanamh ann an Trèanadh Draibhear Bathair Cunnartaich, Comhairleach Sàbhailteachd Bathair Cunnartaich agus/no Cead Draibhear Creag-ola
- airson ur Teisteanas Trèanadh Draibhear ADR, Teisteanas Comhairleach Sàbhailteachd Bathair Cunnartaich agus Teisteanas Cead Draibhear Creag-ola a dhuaiseachadh is a bhuileachadh
- airson seirbheisean a lìbhrigeadh a tha sibh air iarraidh oirnn
- airson ceistean a fhreagairt
- airson a bhith a' rannsachadh chùisean de mhì-ghiùlan a dh'fhaodadh a bhith ann
- air adhbharan stadastaigeil is rannsachaidh
Cò leis an com-pàirtich sinn am fiosrachadh pearsanta agaibh?
Gus an t-seirbheis seo a sholarachadh gu h-èifeachdach agus gu buadhmhor, com-pàirtichidh sinn ur fiosrachadh pearsanta le, agus gheibh sinn fiosrachadh mur deidhinn bho:
- ur n-ionad trèanaidh
- Bhuidheann Ìrean nan Draibhear is Carbad (DVSA) agus Roinn na Còmhdhala (DfT)
- sheirbheisean lagha agus Cìs is Cusbainn a Mòrachd
- sholaraichean seirbheise eile is buidhnean eile a bhios sinn a' cleachdadh airson a' bhith a' lìbhrigeadh ar seirbheisean
Dè cho fad 's a bhios sinn a' cumail ur fiosrachaidh?
Cha bhi sinn a' cumail ur fiosrachaidh ach cho fad 's a tha feum againn air gus a bhith taiceil dhuinn ann a bhith a' toirt gu buil ar rùintean is dleastanasan laghail agus/no conn-riaghlaidh. Bidh seo diofraichte a rèir an t-suidheachaidh a tha sa cheist. Tha cunntasan air cho fad 's a bhios sinn a' cumail ur fiosrachaidh rim faighinn ann an clàr làimhseachaidh an SQA. (36 KB)
Dè na còraichean a tha agam?
A' faighinn greim air an fhiosrachadh agaibh: Tha an còir agaibh lethbhreac iarraidh den fhiosrachadh a tha sinn a' cumail mur deidhinn. Tha tuilleadh fiosrachaidh air mar a nithear seo ri fhaighinn air ar làrach-lìn.
A' ceartachadh an fiosrachaidh agaibh: Tha sinn an-còmhnaidh airson dèanamh cinnteach gu bheil am fiosrachadh agaibh ceart agus ris an uair. Faodaidh sibh iarraidh oirnn fiosrachadh sam bith mur deidhinn a cheartachadh a tha sibh a' measadh a bhith ceàrr no neo-iomlan. Nach cuir sibh fios gu adr@sqa.org.uk airson an teisteanais ann an trèanadh draibhear bathair cunnartaich, dgsa@sqa.org.uk airson an teisteanais ann an comhairleach sàbhailteachd bathair cunnartaich agus pdpassport@sqa.org.uk airson an teisteanais ann an cead draibhear creag-ola.
A' sguabadh às am fiosrachadh agaibh: Tha an còir agaibh iarraidh oirnn fiosrachadh mur deidhinn a sguabadh às ma:
- tha sibh a' smaoineachadh gun do chùm sinn e na b' fhaide na dh'fheumas sinn
- tha sinn a' cleachdadh an fhiosrachaidh agaibh leis ur n-aonta agus tha sibh a' toirt an aonta sin air falbh - faicibh 'A' toirt air falbh aonta a bhith a' cleachdadh ur fiosrachaidh' seo shìos
- tha sibh air cur an aghaidh sinne a bhith a' cleachdadh ur fiosrachaidh phearsanta - faicibh 'A' cur an aghaidh mar a bhios sinn a' cleachdadh ur fiosrachaidh' seo shìos
- tha an SQA a' cleachdadh ur fiosrachaidh ann an dòigh mhì-laghail
A' cur an aghaidh mar a bhios sinn a' cleachdadh ur fiosrachaidh: Tha an còir agaibh iarraidh oirnn sgur dheth bhith a' cleachdadh ur fiosrachaidh gus:
- stuthan margaidheachd a chur thugaibh
- cuid de na rùintean is dleastanasan poblach a choileanadh
- rannsachadh a dhèanamh
A' cur bacadh air mar a bhios sinn a' cleachdadh ur fiosrachaidh: Tha an còir agaibh iarraidh oirnn bacadh a chur air mar a bhios sinn a' cleachdadh ur fiosrachaidh phearsanta ann an suidheachaidhean sònraichte. Mar eisimpleir, nuair a tha sibh air iarraidh oirnn mionaideachd ur fiosrachaidh a chinnteachadh no nuair nach eil feum againn air an fhiosrachadh agaibh ach tha sibh airson gun cùm sinn e airson ur cuideachadh ann a bhith a' dèanamh tagraidh laghail
A' toirt air falbh ur n-aonta air a bhith a' cleachdadh ur fiosrachaidh: Nuair a tha sibh air ur n-aonta a thoirt dhuinn a bhith a' cleachdadh ur fiosrachaidh phearsanta, faodaidh sibh an t-aonta sin a thoirt air falbh aig àm sam bith agus sguiridh sinn dheth bhith a' cleachdadh ur fiosrachaidh phearsanta air an adhbhar/air na h-adhbharan sin.
Nach cuir sibh fios thugainn a rèir gin de na dòighean a tha air an cur sìos san earrainn Mar a chuirear fios thugainn [link] ma tha sibh airson iarraidh oirnn càil de na tha seo shuas a dhèanamh.
Neach-deuchainn air Clàr Teisteanas Obraichean Sràide
Ma nì sibh teisteanas obraichean sràide, mus tèid agaibh air obair mar neach obraichean sràide, feumaidh sibh clàradh le Clàr Teisteanas Obraichean Sràide. Bidh sinn a' cruinneachadh fiosrachaidh mur deidhinn, air sgàth Roinn na Còmhdhalach, gus a bhith a' toirt seachad a' Chlàir Teisteanas Obraichean Sràide.
Dè am fiosrachadh a bhios sinn a' tional mur deidhinn?
Tha am fiosrachadh a bhios sinn a' tional mur deidhinn a' buntainn ris na teisteanasan a tha sibh a' dèanamh no a tha sibh air dèanamh marthà. Tha e a' toirt a-steach na seòrsachan a tha air liostadh seo shìos:
- fiosrachadh pearsanta, mar eisimpleir, ainm, seòladh, latha breith, seòladh phuist-d
- fiosrachadh coileanaidh
- dealbh-camara
Ciamar a bhios sinn a' tional ur fiosrachaidh agus dè nì sinn leis?
Bidh sinn a' tional fiosrachaidh mur deidhinn bhon cholaiste no ionad thrèanaidh agaibh, agus bhon bhuidhinn dhuaiseachaidh agaibh. Bidh sinn a' tional fiosrachaidh dìreach bhuaibh fhèin cuideachd nuair a chleachdas sibh an làrach-lìn againn, nuair a chuireas sibh fios thugainn mun t-seirbheis seo, no nuair a dh'iarras sibh seirbheis eile.
Bidh sinn a' cleachdadh an fhiosrachaidh a chruinnicheas sinn bhuaibh:
- airson ur clàradh air a' Chlàr Theisteanas Obraichean Sràide
- airson ur cairt Obraichean Sràide a dhèanamh
- airson seirbheisean a lìbhrigeadh a tha sibh air iarraidh oirnn
- airson ceistean a fhreagairt
- airson a bhith a' rannsachadh chùisean de mhì-ghiùlan no gnìomhachdan foilleil a dh'fhaodadh a bhith ann
- air adhbharan stadastaigeil is rannsachaidh
Gus dleastanasan reachdail sònraichte a thoirt gu buil agus gus an t-seirbheis seo a lìbhrigeadh, feumaidh sinn fiosrachadh pearsanta a chleachdadh mu dhaoine a tha airson an t-seirbheis a chleachdadh no airson buannachd fhaighinn aiste. Ma tha sibh a' cleachdadh na seirbheise gun a bhith a' toirt fiosrachaidh phearsanta dhuinn, tha teans nach tèid againn air lìbhrigeadh, no cumail oirnn a' lìbhrigeadh, na seirbheise seo.
Cò leis an com-pàirtich sinn am fiosrachadh pearsanta agaibh?
Gus an t-seirbheis seo a sholarachadh gu h-èifeachdach agus gu buadhmhor, com-pàirtichidh sinn ur fiosrachadh pearsanta le, agus gheibh sinn fiosrachadh mur deidhinn bho:
- ur colaiste no ionad trèanaidh
- ur fastaidhear no ùghdarras ionadail iomchaidh
- Roinn na Còmhdhala (DfT)
- Clàr Teisteanas Obraichean Sràide (SWQR)
- Luchd-sgrùdaidh nan Rathaidean Ùghdarraichte
- seirbheisean lagha agus Cìs is Cusbainn a Mòrachd
- solaraichean seirbheise eile is buidhnean eile a bhios sinn a' cleachdadh airson a' bhith a' lìbhrigeadh ar seirbheisean
Dè cho fad 's a bhios sinn a' cumail ur fiosrachaidh?
Cha bhi sinn a' cumail ur fiosrachaidh ach cho fad 's a tha feum againn air gus a bhith taiceil dhuinn ann a bhith a' toirt gu buil ar rùintean is dleastanasan laghail agus/no conn-riaghlaidh. Bidh seo diofraichte a rèir an t-suidheachaidh a tha sa cheist. Tha cunntasan air cho fad 's a bhios sinn a' cumail ur fiosrachaidh rim faighinn ann an clàr làimhseachaidh an SQA. (36 KB)
Dè na còraichean a tha agam?
A' faighinn greim air an fhiosrachadh agaibh: Tha an còir agaibh lethbhreac iarraidh den fhiosrachadh a tha sinn a' cumail mur deidhinn. Tha tuilleadh fiosrachaidh air mar a nithear seo ri fhaighinn air ar làrach-lìn.
A' ceartachadh an fiosrachaidh agaibh: Tha sinn an-còmhnaidh airson dèanamh cinnteach gu bheil am fiosrachadh agaibh ceart agus ris an uair. Faodaidh sibh iarraidh oirnn fiosrachadh sam bith mur deidhinn a cheartachadh a tha sibh a' measadh a bhith ceàrr no neo-iomlan. Nach cuir sibh fios gu swqr@sqa.org.uk.
A' sguabadh às am fiosrachadh agaibh: Tha an còir agaibh iarraidh oirnn fiosrachadh mur deidhinn a sguabadh às ma:
- tha sibh a' smaoineachadh gun do chùm sinn e na b' fhaide na dh'fheumas sinn
- tha sinn a' cleachdadh an fhiosrachaidh agaibh leis ur n-aonta agus tha sibh a' toirt an aonta sin air falbh - faicibh 'A' toirt air falbh aonta a bhith a' cleachdadh ur fiosrachaidh' seo shìos
- tha sibh air cur an aghaidh sinne a bhith a' cleachdadh ur fiosrachaidh phearsanta - faicibh 'A' cur an aghaidh mar a bhios sinn a' cleachdadh ur fiosrachaidh' seo shìos
- tha an SQA a' cleachdadh ur fiosrachaidh ann an dòigh mhì-laghail
A' cur an aghaidh mar a bhios sinn a' cleachdadh ur fiosrachaidh: Tha an còir agaibh iarraidh oirnn sgur dheth bhith a' cleachdadh ur fiosrachaidh gus:
- stuthan margaidheachd a chur thugaibh
- cuid de na rùintean is dleastanasan poblach a choileanadh
- rannsachadh a dhèanamh
A' cur bacadh air mar a bhios sinn a' cleachdadh ur fiosrachaidh: Tha an còir agaibh iarraidh oirnn bacadh a chur air mar a bhios sinn a' cleachdadh ur fiosrachaidh phearsanta ann an suidheachaidhean sònraichte. Mar eisimpleir, nuair a tha sibh air iarraidh oirnn mionaideachd ur fiosrachaidh a chinnteachadh no nuair nach eil feum againn air an fhiosrachadh agaibh ach tha sibh airson gun cùm sinn e airson ur cuideachadh ann a bhith a' dèanamh tagraidh laghail.
A' toirt air falbh ur n-aonta air a bhith a' cleachdadh ur fiosrachaidh: Nuair a tha sibh air ur n-aonta a thoirt dhuinn a bhith a' cleachdadh ur fiosrachaidh phearsanta, faodaidh sibh an t-aonta sin a thoirt air falbh aig àm sam bith agus sguiridh sinn dheth bhith a' cleachdadh ur fiosrachaidh phearsanta air an adhbhar/air na h-adhbharan sin.
Nach cuir sibh fios thugainn a rèir gin de na dòighean a tha air an cur sìos san earrainn Mar a chuirear fios thugainn [link] ma tha sibh airson iarraidh oirnn càil de na tha seo shuas a dhèanamh.
Neach-deuchainn airson teisteanas Obair-mara
Bidh an SQA a' tional fiosrachaidh mur deidhinn air sgàth Buidheann na Mara is nam Maor-cladach (a tha na riochdaire de Roinn na Còmhdhala) gus a bhith a' rianachadh dheuchainnean teisteanas comais.
Dè am fiosrachadh a bhios sinn a' tional mur deidhinn?
Tha am fiosrachadh a bhios sinn a' tional mur deidhinn a' buntainn ris na teisteanasan a tha sibh a' dèanamh no a tha sibh air dèanamh marthà. Tha e a' toirt a-steach na seòrsachan a tha air liostadh seo shìos:
- fiosrachadh pearsanta, mar eisimpleir, ainm, seòladh, latha breith, seòladh phuist-d
- àireamh aithneachaidh
- fiosrachadh coileanaidh
- sgriobtaichean deuchainne
Ciamar a bhios sinn a' tional ur fiosrachaidh agus dè nì sinn leis?
Bidh sinn a' tional fiosrachaidh mur deidhinn bhon cholaiste no ionad thrèanaidh agaibh, ur sgriobta dheuchainne agus fiosrachadh mheasaidhean eile. Bidh sinn a' tional fiosrachaidh dìreach bhuaibh fhèin cuideachd nuair a chleachdas sibh an làrach-lìn againn, nuair a chuireas sibh fios thugainn mun t-seirbheis seo, no nuair a dh'iarras sibh seirbheis eile.
Bidh sinn a' cleachdadh an fhiosrachaidh a chruinnicheas sinn bhuaibh:
- airson gnothaichean a chur air dòigh gus an tèid agaibh air deuchainn a dhèanamh ann an teisteanas comais
- airson ur teisteanas a dhuaiseachadh is a bhuileachadh
- airson seirbheisean a lìbhrigeadh a tha sibh air iarraidh oirnn
- airson ceistean a fhreagairt
- airson a bhith a' rannsachadh chùisean de mhì-ghiùlan a dh'fhaodadh a bhith ann
Cò leis an com-pàirtich sinn am fiosrachadh pearsanta agaibh?
Gus an t-seirbheis seo a sholarachadh gu h-èifeachdach agus gu buadhmhor, com-pàirtichidh sinn ur fiosrachadh pearsanta le, agus gheibh sinn fiosrachadh mur deidhinn bho:
- ur colaiste no ionad trèanaidh
- Bhuidheann na Mara is nam Maor-cladach agus Roinn na Còmhdhala (DfT)
- sheirbheisean lagha agus Cìs is Cusbainn a Mòrachd
- sholaraichean seirbheise eile is buidhnean eile a bhios sinn a' cleachdadh airson a' bhith a' lìbhrigeadh ar seirbheisean
Dè cho fad 's a bhios sinn a' cumail ur fiosrachaidh?
Cha bhi sinn a' cumail ur fiosrachaidh ach cho fad 's a tha feum againn air gus a bhith taiceil dhuinn ann a bhith a' toirt gu buil ar rùintean is dleastanasan laghail agus/no conn-riaghlaidh. Bidh seo diofraichte a rèir an t-suidheachaidh a tha sa cheist. Tha cunntasan air cho fad 's a bhios sinn a' cumail ur fiosrachaidh rim faighinn ann an clàr làimhseachaidh an SQA. (36 KB)
Dè na còraichean a tha agam?
A' faighinn greim air an fhiosrachadh agaibh: Tha an còir agaibh lethbhreac iarraidh den fhiosrachadh a tha sinn a' cumail mur deidhinn. Tha tuilleadh fiosrachaidh air mar a nithear seo ri fhaighinn air ar làrach-lìn.
A' ceartachadh an fiosrachaidh agaibh: Tha sinn an-còmhnaidh airson dèanamh cinnteach gu bheil am fiosrachadh agaibh ceart agus ris an uair. Faodaidh sibh iarraidh oirnn fiosrachadh sam bith mur deidhinn a cheartachadh a tha sibh a' measadh a bhith ceàrr no neo-iomlan. Nach cuir sibh fios gu mca@sqa.org.uk.
A' sguabadh às am fiosrachadh agaibh: Tha an còir agaibh iarraidh oirnn fiosrachadh mur deidhinn a sguabadh às ma:
- tha sibh a' smaoineachadh gun do chùm sinn e na b' fhaide na dh'fheumas sinn
- tha sinn a' cleachdadh an fhiosrachaidh agaibh leis ur n-aonta agus tha sibh a' toirt an aonta sin air falbh - faicibh 'A' toirt air falbh aonta a bhith a' cleachdadh ur fiosrachaidh' seo shìos
- tha sibh air cur an aghaidh sinne a bhith a' cleachdadh ur fiosrachaidh phearsanta - faicibh 'A' cur an aghaidh mar a bhios sinn a' cleachdadh ur fiosrachaidh' seo shìos
- tha an SQA a' cleachdadh ur fiosrachaidh ann an dòigh mhì-laghail
A' cur an aghaidh mar a bhios sinn a' cleachdadh ur fiosrachaidh: Tha an còir agaibh iarraidh oirnn sgur dheth bhith a' cleachdadh ur fiosrachaidh gus:
- stuthan margaidheachd a chur thugaibh
- cuid de na rùintean is dleastanasan poblach a choileanadh
- rannsachadh a dhèanamh
A' cur bacadh air mar a bhios sinn a' cleachdadh ur fiosrachaidh: Tha an còir agaibh iarraidh oirnn bacadh a chur air mar a bhios sinn a' cleachdadh ur fiosrachaidh phearsanta ann an suidheachaidhean sònraichte. Mar eisimpleir, nuair a tha sibh air iarraidh oirnn mionaideachd ur fiosrachaidh a chinnteachadh no nuair nach eil feum againn air an fhiosrachadh agaibh ach tha sibh airson gun cùm sinn e airson ur cuideachadh ann a bhith a' dèanamh tagraidh laghail.
A' toirt air falbh ur n-aonta air a bhith a' cleachdadh ur fiosrachaidh: Nuair a tha sibh air ur n-aonta a thoirt dhuinn a bhith a' cleachdadh ur fiosrachaidh phearsanta, faodaidh sibh an t-aonta sin a thoirt air falbh aig àm sam bith agus sguiridh sinn dheth bhith a' cleachdadh ur fiosrachaidh phearsanta air an adhbhar/air na h-adhbharan sin.
Nach cuir sibh fios thugainn a rèir gin de na dòighean a tha air an cur sìos san earrainn Mar a chuirear fios thugainn [link] ma tha sibh airson iarraidh oirnn càil de na tha seo shuas a dhèanamh.
Eadar-nàiseanta
Margaidheachd
Ma tha sibh air aontachadh ris, cleachdaidh sinn ur fiosrachadh airson innse dhuibh mu dheidhinn bathar is seirbheisean a bhios sinn a' tairgse agus is dòcha gun cuir sinn fios thugaibh tron phost, le post-d no fòn.
Faodaidh sibh ur beachd air seo atharrachadh aig àm sam bith. Cuiridh sinn seo nur cuimhne nuair a tha sinn a' conaltradh leibh is thèid agaibh air innse dhuinn mur eil sibh airson gun cleachdar ur fiosrachadh san dòigh seo. Air neo, mas e is gu bheil sibh airson ur beachd atharrachadh an-dràsta fhèin, nach cuir sibh post-d thugainn aig mycentre@sqa.org.uk.
Ged as dòcha gun com-pàirtich sinn ur fiosrachadh airson a bhith a' lìbhrigeadh nan seirbheisean againn, cha leig sinn le gin eile a com-pàirticheas ur fiosrachadh a chleachdadh air adhbharan margaidheachd.
Fiosrachadh conaltraidh is comhairle a bharrachd
Ma tha ceistean sam bith agaibh mun aithris dhìomhaireachd seo, mun fhiosrachadh a tha agaibh mur deidhinn, no an dòigh sam bi sinn ga chleachdadh, nach cuir sibh fios thugainn:
- tro phost-d: data.protection@sqa.org.uk
- ann an sgrìobhadh: Data Protection Team, Scottish Qualifications Authority, The Optima Building, 58 Robertson Street, Glaschu G28DQ, Alba
- Oifigear Dìon Dàta: Kirsty Hurt, Manaidsear Dìon Dàta is Clàran, kirsty.hurt@sqa.org.uk, 0345 213 5229
Atharrachaidhean dhan aithris dhìomhaireachd seo
Bidh sinn ag ath-sgrùdadh na h-aithris dìomhaireachd seo gu cunbhalach agus faodaidh gun ùraich sinn bho àm gu àm i. Nuair a dh'ùraicheas sinn an aithris dhìomhaireachd againn, cuiridh sinn an dreach ùr an àird air an làrach-lìn againn agus, ma tha na h-atharrachaidhean susbainteach, nì sinn ar dìcheall seo a thoirt gur n-aire.
Chaidh an aithris dhìomhaireachd seo ùrachadh mu dheireadh air 21mh Cèitean 2018.
Gearanan
Feuchaidh sinn ri gearan sam bith a riarachadh mu mar a bhios sinn a' cleachdadh ur fiosrachaidh ach mas e is nach eil sibh sàsaichte leis an fhreagairt againn tha an còir agaibh gearan a thoirt gu Oifis a' Choimiseanair Fhiosrachaidh:
Information Commissioner's Office
Wycliffe House
Water Lane
Wilmslow
Cheshire
SK9 5AF
Fòn: 0303 123 1113 (rèat ionadail) no 01625 545 745
Làrach-lìn: https://ico.org.uk/concerns
Related Information
- SQA Code of Practice (273 KB)
Contact Information
- Candidate Enquiries
- General Enquiries
- 0345 279 1000
- Centre Enquiries
- 0303 333 0330