Aithris Phrìobhaideachd

Cò sinne is na nì sinn

'S e buidheann phoblach a tha ann an Ùghdarras Theisteanas na h-Alba (SQA), a chaidh a stèidheachadh fo Achd an Fhoghlaim (Alba) 1996.

Tha dà phrìomh rùn aig an SQA, teisteanasan a bharantachadh is a bhuileachadh.

Mar bhuidheann bharantachaidh, bidh an SQA:

Mar bhuidheann bhuileachaidh, bidh an SQA:

Tha sinn a' tairgse raon de sheirbheisean do ghnothachasan is solaraichean trèanaidh cuideachd, agus a' toirt comhairle do Riaghaltas na h-Alba air cùisean a bhuineas do na rùintean is obair againn.

Tha an aithris dhìomhaireachd seo a' mìneachadh mar a bhios an SQA a' tional is a' cleachdadh fiosrachaidh mur deidhinn gus na seirbheisean againn a thoirt seachad.

'S e an seòrsa buntainneis a tha againn leibh a chanas rinn dè seòrsa fiosrachaidh phearsanta a chruinnicheas sinn mur deidhinn agus mar a bhios sinn ga chleachdadh. Tha barrachd fiosrachaidh mu gach seòrsa buntainneis air an cur seo shìos:

Tha mi nam...

Faodaidh gun làimhsich sinn fiosrachadh mur deidhinn cuideachd ma tha sibh an sàs ann an lìbhrigeadh theisteanasan an SQA (no teisteanasan a bhios sinn a' barantachadh) no mas e pàrant no ball teaghlaich neach-deuchainn, solaraiche no ball den phoball a tha air conaltradh leis an SQA, solaraiche no tha sibh air an làrach-lìn againn a chleachdadh. Tha barrachd mun fhiosrachadh a bhios sinn a' cruinneachadh agus mar a bhios sinn ga chleachdadh sna suidheachaidhean seo air a mhìneachadh an seo.

Eadar-nàiseanta

Bidh sinn a' toirt seachad seirbheisean do dhaoine, buidhnean, colaistean is ionadan trèanaidh air feadh an t-saoghail. Tha seo a¿ ciallachadh gun tèid fiosrachadh pearsanta a chur gu taobh a-muigh an RA ann an ceangal leis na seirbhisean a solaraicheas sinn dhaibh.

Tha an SQA a¿ cleachdadh chuid sholaraichean seirbheise is buidhnean an treas-phartaidh bhon taobh a-muigh an RA gus taic a thoirt dhuinn ann an lìbhrigeadh ar seirbheisean. Tha seo a¿ gabhail a-steach ach chan eil e iomallaichte gu solaraichean nan stòr sgòth.

Gus a bhith cinnteach gu bheil sinn a' glèidheadh ur fiosrachaidh pearsanta sna suidheachaidhean seo, bidh an dùthaich dhan tèid ur fiosrachadh pearsanta a¿ cleachdadh ìre ceart dìon agus/no cuiridh sinn an gnìomh cleachdaidhean sònraichte, leithid uidheaman tar-aisig tèarainte/crioptaichte agus clàsan cùmhnaint gnàthach gus am fiosrachadh agaibh a chumail gu sàbhailte.

Gheibhear an tuilleadh fiosrachaidh air mar a tha seo sa cheist, agus air dè an cleachdadh a chaidh a chur gu feum ann an Clàr Làimhseachaidh an SQA.

Dè am fiosrachadh a bhios sinn a' tional mur deidhinn?

Ma tha sibh ag ionnsachadh no air teisteanas SQA a ghabhail, cruinnichidh sinn fiosrachadh mur deidhinn. Tha na leanas am measg nan seòrsachan de dh'fhiosrachadh a bhios sinn a' tional:

  • fiosrachadh pearsanta, mar eisimpleir, ainm, seòladh, latha breith, seòladh phuist-d
  • Àireamh Aithneachaidh Phearsanta (SCN)
  • fiosrachadh coileanaidh mar ìrean, bannan agus comharran
  • sgriobtaichean deuchainne
  • stuthan/fianais mheasaidh
  • riatanasan ullachaidhean sònraichte ma tha seo a dhìth
  • iarrtasan airson seirbhisean às dèidh comharra agus suidheachaidhean air leth ma tha seo a dhìth

Airson cuid de sheòrsaichean de theisteanasan, is dòcha gun cruinnich sinn fiosrachadh eile mur deidhinn. Bidh seo diofraichte a rèir dè seòrsa teisteanas a tha ann. Leanaibh air na ceangalan seo airson tuilleadh fiosrachaidh:

  • teisteanasan a chaidh an clàradh air Clàr Teisteanas nan Obraichean Sràide
  • teisteanasan a thaobh bathair cunnartaich
  • teisteanasan obair na mara

Ciamar a bhios sinn a' tional ur fiosrachaidh agus dè nì sinn leis?

Bidh sinn a' tional fiosrachaidh mur deidhinn bhon sgoil, cholaiste no ionad trèanaidh agaibh, bhon ùghdarras ionadail agus bho na sgriobtaichean deuchainne is stuthan measaidh eile. Is dòcha gun cruinnich sinn fiosrachadh dìreach bhuaibh fhèin nuair a chleachdas sibh ar làrach-lìn, nuair a chlàraicheas sibh airson 'MySQA' a chleachdadh, air neo nuair a chuireas sibh fios thugainn no a dh'iarras sibh seirbheis eile oirnn leithid gun toir sinn stuthan air ais thugaibh.

Bidh sinn a' cleachdadh an fhiosrachaidh a chruinnicheas sinn mur deidhinn:

  • airson cùisean eagrachadh dhuibh a bhith a' gabhail dheuchainnean/mheasaidhean an SQA
  • airson dheuchainnean/mheasaidhean an SQA a comharrachadh agus ìreachadh
  • airson ur teisteanas SQA a dhuaiseachadh is a bhuileachadh oirbh
  • airson clàr a chumail air a' choileanadh agaibh
  • airson seirbheisean a lìbhrigeadh a dh'iarr sibh, nam measg sin MySQA agus an t-Seirbheis Thoraidhean-post againn
  • airson ceistean a fhreagairt
  • airson a bhith a' rannsachadh chùisean de mhì-ghiùlan a dh'fhaodadh a bhith ann
  • airson adhbharan stadastaigeil is rannsachaidh
  • airson sùil a chumail air bun-tomhasan thar ùine

Stèidh laghail airson ur fiosrachadh a làimhseachadh

Bidh sinn a' cleachdadh is a' com-pàirteachadh ur fiosrachaidh:

  • airson ar rùintean is dleastanasan a choileanadh a rèir Achd an Fhoghlaim (Alba) 1996
  • airson obair a dhèanamh a chum leas a' phobaill
  • airson gèilleadh ri dleastanasan laghail eile
  • leis ur n-aonta, nuair a tha sinn air sin iarraidh agus sibh air a thoirt dhuinn
  • ceangailte ri cùmhnant no airson fear a leantainn

Cò leis an com-pàirtich sinn am fiosrachadh agaibh?

Is dòcha gun com-pàirtich sinn ur fiosrachadh pearsanta le, agus fiosrachadh mur deidhinn fhaighinn, bho:

  • Riaghaltas na h-Alba, a' gabhail a-steach roinnean riaghaltais agus buidhnean neo-roinneil an riaghaltais
  • ur n-ùghdarras ionadail
  • Seirbheis Inntrigidh nan Oilthighean is Colaistean (UCAS)
  • ur sgoil, colaiste no ionad trèanaidh
  • buidhnean poblach eile le uallach airson foghlam is deisealachadh dreuchd, a¿ gabhail a-steach Leasachadh Sgilean na h-Alba (SDS)
  • buidhnean ceadachd far a bheil seo a dhìth airson adhbharan clàraidh no, ann an suidheachaidhean far nach eil fiosrachadh làitheil aig an SQA, airson conaltradh a dhèanamh còmhla ribh
  • seirbheisean lagha agus Cìs is Cusbainn a Mòrachd ma tha seo a dhìth
  • Ombudsman Seirbheisean Poblach na h-Alba (SPSO)
  • buidhnean a tha nan com-pàirtichean leinn ann a bhith a' lìbhrigeadh theisteanasan a chaidh an dearbhadh leis an SQA
  • solaraichean seirbheise eile is buidhnean eile a bhios sinn a' cleachdadh airson a bhith a' lìbhrigeadh ar seirbheisean

Eadar-nàiseanta

Airson tuilleadh fiosrachaidh air mar a bhios sinn a' làimhseachadh, agus cuin a bhios sinn a' toirt seachad fiosrachadh pearsanta, nach toir sibh sùil air seo.

Dè cho fad ¿s a bhios sinn a' cumail ur fiosrachaidh?

Cha bhi sinn a' cumail ur fiosrachaidh ach cho fad ¿s a tha feum againn air gus a bhith taiceil dhuinn ann a bhith a' toirt gu buil ar rùintean is dleastanasan laghail agus/no conn-riaghlaidh. Bidh seo diofraichte a rèir an t-suidheachaidh a tha sa cheist. Tha cunntasan air cho fad ¿s a bhios sinn a' cumail ur fiosrachaidh rim faighinn ann an clàr làimhseachaidh an SQA.

Dè na còraichean a tha agam?

A' faighinn greim air an fhiosrachadh agaibh: Tha an còir agaibh lethbhreac iarraidh den fhiosrachadh a tha sinn a' cumail mur deidhinn. Tha tuilleadh fiosrachaidh air mar a nithear seo ri fhaighinn air ar làrach-lìn.

A' ceartachadh an fiosrachaidh agaibh:  Tha sinn an-còmhnaidh airson dèanamh cinnteach gu bheil am fiosrachadh agaibh ceart agus ris an uair. Faodaidh sibh iarraidh oirnn fiosrachadh sam bith mur deidhinn a cheartachadh a tha sibh a' measadh a bhith ceàrr no neo-iomlan.

A' sguabadh às am fiosrachadh agaibh: Tha an còir agaibh iarraidh oirnn fiosrachadh mur deidhinn a sguabadh às ma:

  • tha sibh a' smaoineachadh gun do chùm sinn e na b' fhaide na dh'fheumas sinn
  • tha sinn a' cleachdadh an fhiosrachaidh agaibh leis ur n-aonta agus tha sibh a' toirt an aonta sin air falbh - faicibh 'A' toirt air falbh aonta a bhith a' cleachdadh ur fiosrachaidh' seo shìos
  •  tha sibh air cur an aghaidh sinne a bhith a' cleachdadh ur fiosrachaidh phearsanta - faicibh 'A' cur an aghaidh mar a bhios sinn a' cleachdadh ur fiosrachaidh' seo shìos
  • tha an SQA a' cleachdadh ur fiosrachaidh ann an dòigh mhì-laghail

A' cur an aghaidh mar a bhios sinn a' cleachdadh ur fiosrachaidh: Tha an còir agaibh iarraidh oirnn sgur dheth bhith a' cleachdadh ur fiosrachaidh gus:

  • stuthan margaidheachd a chur thugaibh
  • cuid de na rùintean is dleastanasan poblach a choileanadh
  • rannsachadh a dhèanamh

Mur a h-eil sibh airson stuthan margaidheachd fhaighinn bhuainn, sguiridh sinn seo a chur thugaibh cho luath ¿s a chuir sibh fios thugainn. Far a chleachdas sinn ur fiosrachaidh airson cuid de na rùintean is dleastanasan poblach againn a choileanadh, no airson rannsachadh, ¿s dòcha nach sguir sinn ga chleachdadh ma tha adhbhar fìrinnichte againn airson seo a dhèanamh, fiù ¿s mur a h-eil sibh ga iarraidh.

A' cur bacadh air mar a bhios sinn a' cleachdadh ur fiosrachaidh: Tha an còir agaibh iarraidh oirnn bacadh a chur air mar a bhios sinn a' cleachdadh ur fiosrachaidh phearsanta ann an suidheachaidhean sònraichte. Mar eisimpleir, nuair a tha sibh air iarraidh oirnn mionaideachd ur fiosrachaidh a chinnteachadh no nuair nach eil feum againn air an fhiosrachadh agaibh ach tha sibh airson gun cùm sinn e airson ur cuideachadh ann a bhith a' dèanamh tagraidh laghail.

A' toirt air falbh ur n-aonta air a bhith a' cleachdadh ur fiosrachaidh: Nuair a tha sibh air ur n-aonta a thoirt dhuinn a bhith a' cleachdadh ur fiosrachaidh phearsanta, faodaidh sibh an t-aonta sin a thoirt air falbh aig àm sam bith. Nuair a tha sibh air ur n-aonta thoirt air falbh, sguiridh sinn dheth bhith a' cleachdadh ur fiosrachaidh phearsanta air an adhbhar/air na h-adhbharan sin.

Nach cuir sibh fios thugainn a rèir gin de na dòighean a tha air an cur sìos san earrainn Mar a chuirear fios thugainn ma tha sibh airson iarraidh oirnn càil de na tha seo shuas a dhèanamh.

Bidh an SQA a' tional fiosrachaidh mur deidhinn air sgàth Buidheann Ìrean nan Draibhear is Carbad agus Roinn na Còmhdhala gus na teisteanasan a thoirt seachad ann an Trèanadh Draibhear Bathair Cunnartaich, Comhairleach Sàbhailteachd Bathair Cunnartaich, agus Cead Draibhear Creag-ola.

Dè am fiosrachadh a bhios sinn a' tional mur deidhinn?

Tha am fiosrachadh a bhios sinn a' tional mur deidhinn a' buntainn ris na teisteanasan a tha sibh a' dèanamh no a tha sibh air dèanamh mar-thà. Tha e a' toirt a-steach na seòrsachan a tha air liostadh seo shìos:

  • fiosrachadh pearsanta, mar eisimpleir, ainm, seòladh, latha breith, seòladh phuist-d
  • àireamh aithneachaidh
  • fiosrachadh air toraidhean agus comharran
  • sgriobtaichean deuchainne
  • dealbh-camara
  • ainm-sgrìobhte

Ciamar a bhios sinn a' tional ur fiosrachaidh agus dè nì sinn leis?

Bidh sinn a' tional fiosrachaidh mur deidhinn bhon iarrtas agaibh, bhon ionad trèanaidh agaibh, bho na sgriobtaichean deuchainne is stuthan measaidh eile agaibh. Bidh sinn a' tional fiosrachaidh dìreach bhuaibh fhèin cuideachd nuair a chleachdas sibh an làrach-lìn againn, nuair a chuireas sibh fios thugainn mun t-seirbheis seo, no nuair a dh'iarras sibh seirbheis eile.

Bidh sinn a' cleachdadh an fhiosrachaidh a chruinnicheas sinn mur deidhinn:

  • airson ur clàradh airson teisteanas bathair cunnartaich
  • airson gnothaichean a chur air dòigh gus an tèid agaibh air deuchainn a dhèanamh ann an Trèanadh Draibhear Bathair Cunnartaich, Comhairleach Sàbhailteachd Bathair Cunnartaich agus/no Cead Draibhear Creag-ola
  • airson ur sgriobtaichean deuchainne a cheartachadh
  • airson ur Teisteanas Trèanadh Draibhear ADR, Teisteanas Comhairleach Sàbhailteachd Bathair Cunnartaich agus Teisteanas Cead Draibhear Creag-ola a dhuaiseachadh is a bhuileachadh
  • airson seirbheisean a lìbhrigeadh a tha sibh air iarraidh oirnn
  • airson ceistean a fhreagairt
  • airson a bhith a' rannsachadh chùisean de mhì-ghiùlan a dh'fhaodadh a bhith ann
  • airson adhbharan stadastaigeil is rannsachaidh

Cò leis an com-pàirtich sinn am fiosrachadh agaibh?

Gus an t-seirbheis seo a sholarachadh gu h-èifeachdach agus gu buadhmhor, com-pàirtichidh sinn ur fiosrachadh pearsanta le, agus gheibh sinn fiosrachadh mur deidhinn bho:

  • ur n-ionad trèanaidh
  • Bhuidheann Ìrean nan Draibhear is Carbad (DVSA) agus Roinn na Còmhdhala (DfT)
  • sheirbheisean lagha agus Cìs is Cusbainn a Mòrachd
  • sholaraichean seirbheise eile is buidhnean eile a bhios sinn a' cleachdadh airson a bhith a' lìbhrigeadh ar seirbheisean

Eadar-nàiseanta

Airson tuilleadh fiosrachaidh air mar a bhios sinn a' làimhseachadh, agus cuin a bhios sinn a' toirt seachad fiosrachadh pearsanta, nach toir sibh sùil air seo.

Dè cho fad ¿s a bhios sinn a' cumail ur fiosrachaidh?

Cha bhi sinn a' cumail ur fiosrachaidh ach cho fad ¿s a tha feum againn air gus a bhith taiceil dhuinn ann a bhith a' toirt gu buil ar rùintean is dleastanasan laghail agus/no conn-riaghlaidh. Bidh seo diofraichte a rèir an t-suidheachaidh a tha sa cheist. Tha cunntasan air cho fad ¿s a bhios sinn a' cumail ur fiosrachaidh rim faighinn ann an clàr làimhseachaidh an SQA.

Dè na còraichean a tha agam?

A' faighinn greim air an fhiosrachadh agaibh: Tha an còir agaibh lethbhreac iarraidh den fhiosrachadh a tha sinn a' cumail mur deidhinn. Tha tuilleadh fiosrachaidh air mar a nithear seo ri fhaighinn air ar làrach-lìn.

A' ceartachadh an fiosrachaidh agaibh: Tha sinn an-còmhnaidh airson dèanamh cinnteach gu bheil am fiosrachadh agaibh ceart agus ris an uair. Faodaidh sibh iarraidh oirnn fiosrachadh sam bith mur deidhinn a cheartachadh a tha sibh a' measadh a bhith ceàrr no neo-iomlan.

Nach cuir sibh fios gu adr@sqa.org.uk airson an teisteanais ann an trèanadh draibhear bathair cunnartaich, dgsa@sqa.org.uk airson an teisteanais ann an comhairleach sàbhailteachd bathair cunnartaich agus pdpassport@sqa.org.uk airson an teisteanais ann an cead draibhear creag-ola.

A' sguabadh às am fiosrachadh agaibh: Tha an còir agaibh iarraidh oirnn fiosrachadh mur deidhinn a sguabadh às ma:

  • tha sibh a' smaoineachadh gun do chùm sinn e na b' fhaide na dh'fheumas sinn
  • tha sinn a' cleachdadh an fhiosrachaidh agaibh leis ur n-aonta agus tha sibh a' toirt an aonta sin air falbh - faicibh 'A' toirt air falbh aonta a bhith a' cleachdadh ur fiosrachaidh' seo shìos
  • tha sibh air cur an aghaidh sinne a bhith a' cleachdadh ur fiosrachaidh phearsanta - faicibh 'A' cur an aghaidh mar a bhios sinn a' cleachdadh ur fiosrachaidh' seo shìos
  • tha an SQA a' cleachdadh ur fiosrachaidh ann an dòigh mhì-laghail

A' cur an aghaidh mar a bhios sinn a' cleachdadh ur fiosrachaidh: Tha an còir agaibh iarraidh oirnn sgur dheth bhith a' cleachdadh ur fiosrachaidh gus:

  • stuthan margaidheachd a chur thugaibh
  • cuid de na rùintean is dleastanasan poblach a choileanadh
  • rannsachadh a dhèanamh

Mur a h-eil sibh airson stuthan margaidheachd fhaighinn bhuainn, sguiridh sinn seo a chur thugaibh cho luath ¿s a chuir sibh fios thugainn. Far a chleachdas sinn ur fiosrachaidh airson cuid de na rùintean is dleastanasan poblach againn a choileanadh, no airson rannsachadh, ¿s dòcha nach sguir sinn ga chleachdadh ma tha adhbhar fìrinnichte againn airson seo a dhèanamh, fiù ¿s mur a h-eil sibh ga iarraidh.

A' cur bacadh air mar a bhios sinn a' cleachdadh ur fiosrachaidh: Tha an còir agaibh iarraidh oirnn bacadh a chur air mar a bhios sinn a' cleachdadh ur fiosrachaidh phearsanta ann an suidheachaidhean sònraichte. Mar eisimpleir, nuair a tha sibh air iarraidh oirnn mionaideachd ur fiosrachaidh a chinnteachadh no nuair nach eil feum againn air an fhiosrachadh agaibh ach tha sibh airson gun cùm sinn e airson ur cuideachadh ann a bhith a' dèanamh tagraidh laghail.

A' toirt air falbh ur n-aonta air a bhith a' cleachdadh ur fiosrachaidh: Nuair a tha sibh air ur n-aonta a thoirt dhuinn a bhith a' cleachdadh ur fiosrachaidh phearsanta, faodaidh sibh an t-aonta sin a thoirt air falbh aig àm sam bith. Nuair a tha sibh air ur n-aonta thoirt air falbh, sguiridh sinn dheth bhith a' cleachdadh ur fiosrachaidh phearsanta air an adhbhar/air na h-adhbharan sin.

Nach cuir sibh fios thugainn a rèir gin de na dòighean a tha air an cur sìos san earrainn Mar a chuirear fios thugainn ma tha sibh airson iarraidh oirnn càil de na tha seo shuas a dhèanamh.

Mus tèid agaibh air obair mar neach obraichean sràide, feumaidh sibh clàradh le Clàr Teisteanas Obraichean Sràide. Bidh SQA a' cruinneachadh fiosrachaidh mur deidhinn, air sgàth Roinn na Còmhdhalach, gus a bhith a' toirt seachad a' Chlàir Teisteanas Obraichean Sràide.

Dè am fiosrachadh a bhios sinn a' tional mur deidhinn?

Tha am fiosrachadh a bhios sinn a' tional mur deidhinn a' buntainn ris na teisteanasan a tha sibh a' dèanamh no a tha sibh air dèanamh mar-thà. Tha e a' toirt a-steach na seòrsachan a tha air liostadh seo shìos:

  • fiosrachadh pearsanta, mar eisimpleir, ainm, seòladh, latha breith, seòladh phuist-d
  • dealbh-camara
  • prìomh dùthaich na h-obrach
  • fiosrachadh air builean teisteanais Obraichean Sràide
  • Buidheann duaiseachadh agus àireamh SWQR
  • latha clàraidh air Clàr Teisteanas nan Obraichean Sràide, seòrsa cairt a chaidh a thoirt a-mach agus latha falbhaidh a¿ chairt

Ciamar a bhios sinn a' tional ur fiosrachaidh agus dè nì sinn leis?

Bidh sinn a' tional fiosrachaidh mur deidhinn bhon cholaiste no ionad thrèanaidh agaibh, agus bhon bhuidhinn dhuaiseachaidh agaibh. Bidh sinn a' tional fiosrachaidh dìreach bhuaibh fhèin cuideachd nuair a chleachdas sibh an làrach-lìn againn, nuair a chuireas sibh fios thugainn mun t-seirbheis seo, no nuair a dh'iarras sibh seirbheis eile.

Bidh sinn a' cleachdadh an fhiosrachaidh a chruinnicheas sinn mur deidhinn:

  • airson ur clàradh air a' Chlàr Theisteanas Obraichean Sràide
  • airson ur cairt Obraichean Sràide a dhèanamh
  • airson seirbheisean a lìbhrigeadh a tha sibh air iarraidh oirnn, a¿ gabhail a-steach fios mu latha-falbhaidh cairt an SWQR, ma tha sibh clàraichte airson Seirbhis Cuimhneachaidh Cead nan Obraichean Sràide.
  • airson ceistean a fhreagairt
  • airson a bhith a' rannsachadh chùisean de mhì-ghiùlan a dh'fhaodadh a bhith ann
  • airson adhbharan stadastaigeil is rannsachaidh

Gus dleastanasan reachdail sònraichte a thoirt gu buil agus gus an t-seirbheis seo a lìbhrigeadh, feumaidh sinn fiosrachadh pearsanta a chleachdadh mu dhaoine a tha airson an t-seirbheis a chleachdadh no airson buannachd fhaighinn aiste. Ma tha sibh a' cleachdadh na seirbheise gun a bhith a' toirt fiosrachaidh phearsanta dhuinn, tha teans nach tèid againn air lìbhrigeadh, no cumail oirnn a' lìbhrigeadh, na seirbheise seo.

Cò leis an com-pàirtich sinn am fiosrachadh agaibh?

Gus an t-seirbheis seo a sholarachadh gu h-èifeachdach agus gu buadhmhor, com-pàirtichidh sinn ur fiosrachadh pearsanta le, agus gheibh sinn fiosrachadh mur deidhinn bho:

  • ur colaiste no ionad trèanaidh
  • ur fastaidhear no ùghdarras ionadail iomchaidh
  • Roinn na Còmhdhala (DfT) agus Còmhdhail Alba
  • Luchd-sgrùdaidh nan Rathaidean Ùghdarraichte
  • seirbheisean lagha agus Cìs is Cusbainn a Mòrachd
  • solaraichean seirbheise eile is buidhnean eile a bhios sinn a' cleachdadh airson a bhith a' lìbhrigeadh ar seirbheisean

Eadar-nàiseanta

Airson tuilleadh fiosrachaidh air mar a bhios sinn a' làimhseachadh, agus cuin a bhios sinn a' toirt seachad fiosrachadh pearsanta, nach toir sibh sùil air seo.

Dè cho fad ¿s a bhios sinn a' cumail ur fiosrachaidh?

Cha bhi sinn a' cumail ur fiosrachaidh ach cho fad ¿s a tha feum againn air gus a bhith taiceil dhuinn ann a bhith a' toirt gu buil ar rùintean is dleastanasan laghail agus/no conn-riaghlaidh. Bidh seo diofraichte a rèir an t-suidheachaidh a tha sa cheist. Tha cunntasan air cho fad ¿s a bhios sinn a' cumail ur fiosrachaidh rim faighinn ann an clàr làimhseachaidh an SQA.

Dè na còraichean a tha agam?

A' faighinn greim air an fhiosrachadh agaibh: Tha an còir agaibh lethbhreac iarraidh den fhiosrachadh a tha sinn a' cumail mur deidhinn. Tha tuilleadh fiosrachaidh air mar a nithear seo ri fhaighinn air ar làrach-lìn.

A' ceartachadh an fiosrachaidh agaibh: Tha sinn an-còmhnaidh airson dèanamh cinnteach gu bheil am fiosrachadh agaibh ceart agus ris an uair. Faodaidh sibh iarraidh oirnn fiosrachadh sam bith mur deidhinn a cheartachadh a tha sibh a' measadh a bhith ceàrr no neo-iomlan. Nach cuir sibh fios gu swqr@sqa.org.uk.

A' sguabadh às am fiosrachadh agaibh: Tha an còir agaibh iarraidh oirnn fiosrachadh mur deidhinn a sguabadh às ma:

  • tha sibh a' smaoineachadh gun do chùm sinn e na b' fhaide na dh'fheumas sinn
  • tha sinn a' cleachdadh an fhiosrachaidh agaibh leis ur n-aonta agus tha sibh a' toirt an aonta sin air falbh - faicibh 'A' toirt air falbh aonta a bhith a' cleachdadh ur fiosrachaidh' seo shìos
  • tha sibh air cur an aghaidh sinne a bhith a' cleachdadh ur fiosrachaidh phearsanta - faicibh 'A' cur an aghaidh mar a bhios sinn a' cleachdadh ur fiosrachaidh' seo shìos
  • tha an SQA a' cleachdadh ur fiosrachaidh ann an dòigh mhì-laghail

A' cur an aghaidh mar a bhios sinn a' cleachdadh ur fiosrachaidh: Tha an còir agaibh iarraidh oirnn sgur dheth bhith a' cleachdadh ur fiosrachaidh gus:

  • stuthan margaidheachd a chur thugaibh
  • cuid de na rùintean is dleastanasan poblach a choileanadh
  • rannsachadh a dhèanamh

Mur a h-eil sibh airson stuthan margaidheachd fhaighinn bhuainn, sguiridh sinn seo a chur thugaibh cho luath ¿s a chuir sibh fios thugainn. Far a chleachdas sinn ur fiosrachaidh airson cuid de na rùintean is dleastanasan poblach againn a choileanadh, no airson rannsachadh, ¿s dòcha nach sguir sinn ga chleachdadh ma tha adhbhar fìrinnichte againn airson seo a dhèanamh, fiù ¿s mur a h-eil sibh ga iarraidh.

A' cur bacadh air mar a bhios sinn a' cleachdadh ur fiosrachaidh: Tha an còir agaibh iarraidh oirnn bacadh a chur air mar a bhios sinn a' cleachdadh ur fiosrachaidh phearsanta ann an suidheachaidhean sònraichte. Mar eisimpleir, nuair a tha sibh air iarraidh oirnn mionaideachd ur fiosrachaidh a chinnteachadh no nuair nach eil feum againn air an fhiosrachadh agaibh ach tha sibh airson gun cùm sinn e airson ur cuideachadh ann a bhith a' dèanamh tagraidh laghail.

A' toirt air falbh ur n-aonta air a bhith a' cleachdadh ur fiosrachaidh: Nuair a tha sibh air ur n-aonta a thoirt dhuinn a bhith a' cleachdadh ur fiosrachaidh phearsanta, faodaidh sibh an t-aonta sin a thoirt air falbh aig àm sam bith. Nuair a tha sibh air ur n-aonta thoirt air falbh, sguiridh sinn dheth bhith a' cleachdadh ur fiosrachaidh phearsanta air an adhbhar/air na h-adhbharan sin.

Nach cuir sibh fios thugainn a rèir gin de na dòighean a tha air an cur sìos san earrainn Mar a chuirear fios thugainn ma tha sibh airson iarraidh oirnn càil de na tha seo shuas a dhèanamh.

Bidh an SQA a' tional fiosrachaidh mur deidhinn air sgàth Buidheann na Mara is nam Maor-cladach (a tha na riochdaire de Roinn na Còmhdhala) gus a bhith a' rianachadh dheuchainnean teisteanas comais.

Dè am fiosrachadh a bhios sinn a' tional mur deidhinn?

Tha am fiosrachadh a bhios sinn a' tional mur deidhinn a' buntainn ris na teisteanasan a tha sibh a' dèanamh no a tha sibh air dèanamh mar-thà. Tha e a' toirt a-steach na seòrsachan a tha air liostadh seo shìos:

  • fiosrachadh pearsanta, mar eisimpleir, ainm, seòladh, latha breith, seòladh phuist-d
  • àireamh aithneachaidh
  • fiosrachadh air toraidhean agus comharran
  • sgriobtaichean deuchainne

Ciamar a bhios sinn a' tional ur fiosrachaidh agus dè nì sinn leis?

Bidh sinn a' tional fiosrachaidh mur deidhinn bhon cholaiste no ionad thrèanaidh agaibh, ur sgriobta dheuchainne agus fiosrachadh mheasaidhean eile. Bidh sinn a' tional fiosrachaidh dìreach bhuaibh fhèin cuideachd nuair a chleachdas sibh an làrach-lìn againn, nuair a chuireas sibh fios thugainn mun t-seirbheis seo, no nuair a dh'iarras sibh seirbheis eile.

Bidh sinn a' cleachdadh an fhiosrachaidh a chruinnicheas sinn mur deidhinn:

  • airson gnothaichean a chur air dòigh gus an tèid agaibh air deuchainn a dhèanamh ann an teisteanas comais
  • airson ur sgriobtaichean deuchainne a cheartachadh
  • airson ur teisteanas a dhuaiseachadh is a bhuileachadh
  • airson seirbheisean a lìbhrigeadh a tha sibh air iarraidh oirnn
  • airson ceistean a fhreagairt
  • airson a bhith a' rannsachadh chùisean de mhì-ghiùlan a dh'fhaodadh a bhith ann

Cò leis an com-pàirtich sinn am fiosrachadh agaibh?

Gus an t-seirbheis seo a sholarachadh gu h-èifeachdach agus gu buadhmhor, com-pàirtichidh sinn ur fiosrachadh pearsanta le, agus gheibh sinn fiosrachadh mur deidhinn bho:

  • ur colaiste no ionad trèanaidh
  • Bhuidheann na Mara is nam Maor-cladach agus Roinn na Còmhdhala (DfT)
  • sheirbheisean lagha agus Cìs is Cusbainn a Mòrachd
  • sholaraichean seirbheise eile is buidhnean eile a bhios sinn a' cleachdadh airson a bhith a' lìbhrigeadh ar seirbheisean

Eadar-nàiseanta

Airson tuilleadh fiosrachaidh air mar a bhios sinn a' làimhseachadh, agus cuin a bhios sinn a' toirt seachad fiosrachadh pearsanta, nach toir sibh sùil air seo.

Dè cho fad ¿s a bhios sinn a' cumail ur fiosrachaidh?

Cha bhi sinn a' cumail ur fiosrachaidh ach cho fad ¿s a tha feum againn air gus a bhith taiceil dhuinn ann a bhith a' toirt gu buil ar rùintean is dleastanasan laghail agus/no conn-riaghlaidh. Bidh seo diofraichte a rèir an t-suidheachaidh a tha sa cheist. Tha cunntasan air cho fad ¿s a bhios sinn a' cumail ur fiosrachaidh rim faighinn ann an clàr làimhseachaidh an SQA.

Dè na còraichean a tha agam?

A' faighinn greim air an fhiosrachadh agaibh: Tha an còir agaibh lethbhreac iarraidh den fhiosrachadh a tha sinn a' cumail mur deidhinn. Tha tuilleadh fiosrachaidh air mar a nithear seo ri fhaighinn air ar làrach-lìn.

A' ceartachadh an fiosrachaidh agaibh: Tha sinn an-còmhnaidh airson dèanamh cinnteach gu bheil am fiosrachadh agaibh ceart agus ris an uair. Faodaidh sibh iarraidh oirnn fiosrachadh sam bith mur deidhinn a cheartachadh a tha sibh a' measadh a bhith ceàrr no neo-iomlan.

Gus ur fiosrachaidh cheartachadh, nach cuir sibh fios gu mca@sqa.org.uk.

A' sguabadh às am fiosrachadh agaibh: Tha an còir agaibh iarraidh oirnn fiosrachadh mur deidhinn a sguabadh às ma:

  • tha sibh a' smaoineachadh gun do chùm sinn e na b' fhaide na dh'fheumas sinn
  • tha sinn a' cleachdadh an fhiosrachaidh agaibh leis ur n-aonta agus tha sibh a' toirt an aonta sin air falbh - faicibh 'A' toirt air falbh aonta a bhith a' cleachdadh ur fiosrachaidh' seo shìos
  • tha sibh air cur an aghaidh sinne a bhith a' cleachdadh ur fiosrachaidh phearsanta - faicibh 'A' cur an aghaidh mar a bhios sinn a' cleachdadh ur fiosrachaidh' seo shìos
  • tha an SQA a' cleachdadh ur fiosrachaidh ann an dòigh mhì-laghail

A' cur an aghaidh mar a bhios sinn a' cleachdadh ur fiosrachaidh: Tha an còir agaibh iarraidh oirnn sgur dheth bhith a' cleachdadh ur fiosrachaidh gus:

  • stuthan margaidheachd a chur thugaibh
  • cuid de na rùintean is dleastanasan poblach a choileanadh
  • rannsachadh a dhèanamh

Mur a h-eil sibh airson stuthan margaidheachd fhaighinn bhuainn, sguiridh sinn seo a chur thugaibh cho luath ¿s a chuir sibh fios thugainn. Far a chleachdas sinn ur fiosrachaidh airson cuid de na rùintean is dleastanasan poblach againn a choileanadh, no airson rannsachadh, ¿s dòcha nach sguir sinn ga chleachdadh ma tha adhbhar fìrinnichte againn airson seo a dhèanamh, fiù ¿s mur a h-eil sibh ga iarraidh.

A' cur bacadh air mar a bhios sinn a' cleachdadh ur fiosrachaidh: Tha an còir agaibh iarraidh oirnn bacadh a chur air mar a bhios sinn a' cleachdadh ur fiosrachaidh phearsanta ann an suidheachaidhean sònraichte. Mar eisimpleir, nuair a tha sibh air iarraidh oirnn mionaideachd ur fiosrachaidh a chinnteachadh no nuair nach eil feum againn air an fhiosrachadh agaibh ach tha sibh airson gun cùm sinn e airson ur cuideachadh ann a bhith a' dèanamh tagraidh laghail.

A' toirt air falbh ur n-aonta air a bhith a' cleachdadh ur fiosrachaidh: Nuair a tha sibh air ur n-aonta a thoirt dhuinn a bhith a' cleachdadh ur fiosrachaidh phearsanta, faodaidh sibh an t-aonta sin a thoirt air falbh aig àm sam bith. Nuair a tha sibh air ur n-aonta thoirt air falbh, sguiridh sinn dheth bhith a' cleachdadh ur fiosrachaidh phearsanta air an adhbhar/air na h-adhbharan sin.

Nach cuir sibh fios thugainn a rèir gin de na dòighean a tha air an cur sìos san earrainn Mar a chuirear fios thugainn ma tha sibh airson iarraidh oirnn càil de na tha seo shuas a dhèanamh.

Bidh sinn a' tional fiosrachaidh cuideachd bhon fheadhainn a tha an sàs ann a bhith a' lìbhrigeadh teisteanasan an SQA (no teisteanasan a tha sinne a' dearbhadh), nam measg daoine ann am buidhnean duaiseachaidh, sgoiltean, colaistean is ionadan trèanaidh. Airson an còrr fhaighinn a-mach, nach toir sibh sùil air aithris dhìomhaireachd Barantachadh an SQA.

Ann a bhith a' coileanadh nan rùintean is dleastanasan againn, is dòcha gun cruinnich sinn no gum faigh sinn fiosrachadh bhuaibh ma tha buntainneas agaibh ri neach-deuchainn (leithid pàrant no caraid eile), solaraiche, no ball den phoball.

Cruinnichidh sinn fiosrachadh mur deidhinn:

  • ma chuireas sibh fios chun SQA airson ceist a chur oirnn, rudeigin iarraidh oirnn, gearan a dhèanamh, air neo rudeigin a ràdh rinn
  • ma tha sibh an sàs ann an gearan no sgrùdadh air mì-chleachdadh
  • ma tha sibh air clàradh a bhith a' faighinn brathan naidheachd is foillseachaidhean
  • ma chleachdas sibh an làrach-lìn againn
    (Cleachdaidh sinn cugaidhean, agus teicneòlas mar sin, airson fiosrachadh a thional mu na nì sibh air an làrach-lìn. Tha an roinn air Margaidheachd anns an Aithris Dhìomhaireachd agus an aithris chugaidhean againn a¿ toirt seachad tuilleadh fiosrachaidh)
  • ma thig sibh gu tachartas againn
  • ma chuireas sibh a-steach a bhith nur pàirt de Sgioba Taic Teisteanas an SQA
  • ma chuireas sibh a-steach a bhith nur pàirt den stòr-dàta Luchd-comhairle Eadar-nàiseanta an SQA
  • bho thabhainnean airson agus rèiteachaidhean a thaobh chùmhnantan

Cleachdaidh sinn am fiosrachadh:

  • airson freagairt a thoirt dhan cheist, ghearan, iarrtas no iomradh agaibh
  • gus obair a ghabhail os làimh agus conaltradh a dhèanamh còmhla ribh a thaobh gearain no sgrùdadh air mì-chleachdadh
  • airson naidheachd, foillseachaidhean, fiosrachadh no seirbheisean eile a thoirt dhuibh mar a bhios sibh air iarraidh oirnn
  • airson susbaint a thoirt dhuibh san dòigh as èifeachdaiche
  • airson anailis a dhèanamh air mar a chleachdar an làrach-lìn gus an susbaint agus coileanadh a meudachadh
  • airson teachdaireachdan margaidheachd pearsanta a thoirt seachad air làraich-lìn eile
  • airson thuigsinn dè cho èifeachdachd ¿s a tha ar conaltradh puist-d
  • airson ur frithealadh aig tachartas a stiùireadh, agus conaltradh a dhèanamh còmhla ribh ma dheidhinn
  • airson ur tagradh airson Sgioba Taic Teisteanas an SQA làimhseachadh agus conaltradh a dhèanamh còmhla ribh ma thèid e leibh
  • airson ur tagradh airson stòr-dàta Luchd-comhairle Eadar-nàiseanta an SQA làimhseachadh agus conaltradh a dhèanamh còmhla ribh ma dheidhinn
  • airson ur tabhainn cùmhnaint a bhreithneachadh agus airson cùmhnantan a thoirt gu buil is a rianachadh

Stèidh laghail airson ur fiosrachadh a làimhseachadh

Bidh sinn a' cleachdadh is a' com-pàirteachadh ur fiosrachaidh mar a tha air mìneachadh seo shìos:

  • airson ar rùintean is dleastanasan a choileanadh a rèir Achd an Fhoghlaim (Alba) 1996
  • airson obair a dhèanamh a chum leas a' phobaill, far a bheil seo a dhìth
  • airson gèilleadh ri dleastanasan laghail eile a tha gar stiùireadh
  • leis ur n-aonta, nuair a tha sinn air sin iarraidh agus sibh air a thoirt dhuinn
  • ceangailte ri cùmhnant no airson fear a leantainn

Eadar-nàiseanta

Airson tuilleadh fiosrachaidh air mar a bhios sinn a' làimhseachadh, agus cuin a bhios sinn a' toirt seachad fiosrachadh pearsanta, nach toir sibh sùil air seo.

Dè cho fad ¿s a bhios sinn a' cumail ur fiosrachaidh?

Cha bhi sinn a' cumail ur fiosrachaidh ach cho fad ¿s a tha feum againn air gus a bhith taiceil dhuinn ann a bhith a' toirt gu buil ar rùintean is dleastanasan laghail agus/no conn-riaghlaidh. Bidh seo diofraichte a rèir an t-suidheachaidh a tha sa cheist. Tha cunntasan air cho fad ¿s a bhios sinn a' cumail ur fiosrachaidh rim faighinn ann an clàr làimhseachaidh an SQA.

Atharrachaidhean dhan aithris dhìomhaireachd seo

Bidh sinn ag ath-sgrùdadh na h-aithris dìomhaireachd seo gu cunbhalach agus faodaidh gun ùraich sinn bho àm gu àm i. Nuair a dh'ùraicheas sinn an aithris dhìomhaireachd againn, cuiridh sinn an dreach ùr an àird air an làrach-lìn againn agus, ma tha na h-atharrachaidhean susbainteach, nì sinn ar dìcheall seo a thoirt gur n-aire.

Chaidh an aithris dhìomhaireachd seo ùrachadh mu dheireadh 09d A 'Ghiblean 2021.

Gearanan

Ma tha sibh airson gearain a dhèanamh air mar a chleachdas sinn ur fiosrachadh, nach cuiribh fios don Oifigear Dìon Dàta, a¿ cleachdadh am fiosrachadh seo shuas.

Feuchaidh sinn ri gearan sam bith a riarachadh mu mar a bhios sinn a' cleachdadh ur fiosrachaidh ach mas e is nach eil sibh sàsaichte leis an fhreagairt againn tha an còir agaibh gearan a thoirt gu Oifis a' Choimiseanair Fhiosrachaidh:

Information Commissioner¿s Office
Wycliffe House
Water Lane
Wilmslow
Cheshire
SK9 5AF

Fòn: 0303 123 1113 (reat ionadail) no 01625 545 745

Làrach-lìn: https://ico.org.uk/concerns